BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An darna cogadh

Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig an àm sin.


1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945

1943
2/3 Faoilleach
Thòisich na Gearmailtich a' tarraing air ais às na Caucasas.
10 Faoilleach
An dèidh co-labhairt Casablanca eadar Roosevelt agus Churchill, thuirt Roosevelt nach tigeadh crìoch air a' chogadh gus an gèilleadh a' Ghearmailt gu tur.
23 Faoilleach
Ghabh an 8th Army aig Monty Tripoli.
27 Faoilleach
Thug na h-Ameireaganaich a' chiad ionnsaighean bhomaichean air a' Ghearmailt aig Wilhelmshaven.
2 Gearran
Leig na Gearmailtich às an ionnsaigh air Stalingrad - b' e seo a' chiad chall mhòr aig arm Hitler.
8 Gearran
Ghabh an t-arm Sòbhieteach Kursk.
9 Gearran
Ghabh na h-Ameireaganaich Guadalcanal.
14 Gearran
Thòisich na "Chindits", fo stiùireadh Orde Wingate, ionnsaighean cudromach air cùlaibh loidhnichean Iapan.
14-25 Gearran
Blàr Kasserione Pass ann an Afraga a Tuath eadar 1st Armoured Division nan Ameireaganach agus Panzers na Gearmailt.
2 Màrt
Thòisich na Gearmailtich air tarraing a-mach à Tunisia.
15 Màrt
Fhuair na Gearmailtich Kharkov air ais.
16-20 Màrt
Blàr a' Chuain Shiair aig àirde le 27 bàta anns a' Chabhlach Mharsantach air an cur fodha le U-boats.
20-28 Màrt
Bhris an 8th Army aig Monty tro Loidhne Mareth ann an Tunisia.
6/7Giblean
Thòisich feachdan an Axis ann an Tunisia air tarraing air ais a dh'ionnsaigh Enfidaville is feachdan Ameireagaidh is Bhreatainn air tighinn gu chèile.
19 Giblean
Thòisich ar-a-mach Warsaw.
7 Cèitean
Ghabh feachdan a' Chaidreachais Tunisia.
13 Cèitean
Ghèill a' Ghearmailt agus an Eadailt ann an Afraga a Tuath.
16 Cèitean
Thàinig an t-strì aig na h-Iùdhaich ann an ghetto Warsaw gu crìch.
16/17 Cèitean
Thug an RAF ionnsaigh air an Ruhr.
11 Ògmhios
Dh'òrdaich Himmler gun deigheadh gach ghetto Iùdhach anns a' Phòlainn a sgrios.
10 Iuchar
Chaidh arm a' Chaidreachais air tìr ann an Sicily.
12 Iuchar
Blàr thancaichean cho mòr 's a bha riamh an eachdraidh aig Kursk.
19 Iuchar
Thug feachdan a' Chaidreachais ionnsaigh le bomaichean air an Ròimh.

22 Iuchar
Ghlac na h-Ameireaganaich Palermo, Sicily.
24 Iuchar
Thug an RAF ionnsaigh air Hamburg.
25/26 Iuchar
Chaidh Mussolini a chur an grèim agus thuit riaghaltas faisisteach na h-Eadailt.Thòisich Marshal Pietro Badoglio a' barganachadh leis a' Chaidreachas.
27/28 Iuchar
Dh'adhbhraich bomaichean feachdan a' Chaidreachais sgrios-teine ann am baile Hamburg. Chaidh mu 50,000 duine a mharbhadh.
12-17 Lùnastal
Tharraing na Gearmailtich a-mach à Sicily.
17 Lùnastal
Ri solas an latha thug na h-Ameireaganaich ionnsaighean-adhair air Regensburg agus Schweinfurt anns a' Ghearmailt. Ràinig feachdan a' Chaidreachais Messina ann an Sicily.
23 Lùnastal
Fhuair feachdan Sobhieteach Kharkov air ais.
3 Sultain
Chaidh feachdan Bhreatainn agus Ameireagaidh a-steach dhan Eadailt.
9 Sultain
Chaidh feachdan a' Chaidreachais air tìr aig Salerno agus Taranto.
11 Sultain
Ghabh na Gearmailtich an Ròimh thairis.
12 Sultain
Shàbhail na Gearmailtich Mussolini.
23 Sultain
Stèidhich Mussolini riaghaltas faisisteach a-rithist.
1 Dàmhair
Ràinig feachdan a' Chaidreachais Naples.
13 Dàmhair
Ghairm an Eadailt cogadh an aghaidh na Gearmailt. Thug na h-Ameireaganaich an dàrna ionnsaigh air Schweinfurt.
6 Samhain
Fhuair na Ruiseanaich Kiev air ais.
18 Samhain
Thug an RAF ionnsaigh mhòr air Berlin.
20 Samhain
Thòisich Blàr Tarawa anns na chaill còrr air 1000 Ameireaganach am beatha.
26 Samhain
Chuireadh an Scharnhorst fodha tuath air Nirribhidh.
28 Samhain
Choinnich Roosevelt, Churchill agus Stalin ann an Tehran.
24-26 Dùbhlachd
Thòisich na Sobhietich ionnsaighean anns an Ugràin.

1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy