BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An darna cogadh

Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig an àm sin.


1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945

1941
22 Faoilleach
Fhuair arm Bhreatainn is Astràilia smachd air baile Tobruk an ceann a tuath Afraga.
12 Gearran
Ràinig an Seanalair Gearmailteach, Erwin Rommel, Tripoli.
14 Gearran
Thàinig a' cheud aonadan den Afrika Corps aig Rommel air tìr an Afraga a Tuath.
7 Màrt
Chaidh feachdan Breatannach dhan Ghrèig.
13/14 Màrt
Ionnsaigh bhomaichean air Bruaichean Chluaidh. Mharbhadh còrr air mìle duine ann am Bruaich Chluaidh agus ann an Glaschu.
6 Giblean
Bhris na Nazis a-steach don Ghrèig agus do Iugoslàbhia.
14 Giblean
Thug Rommel ionnsaigh air Tobruk.
17 Giblean
Ghèill Iugoslàbhia.
27 Giblean
Ghèill a' Ghrèig.
1 Cèitean
Chaidh na Gearmailtich a thilleadh à Tobruk.
10 Cèitean
Thàinig Rudolph Hess a dh'Alba.
10/11 Cèitean
Ionnsaidh-adhair mhòr eile air Lunnainn. Thug an RAF ionnsaigh le bomaichean air Hamburg.
24 Cèitean
HMS Hood air a cur fodha leis a' Bhismarck. Cha do shàbhail aiste ach triùir agus chaill còrr air 1400 duine am beatha.
27 Cèitean
Chuir cabhlach Bhreatainn am bàta Gearmailteach, am Bismarck, fodha.
8 Ògmhios
Bhris feachdan a' Chaidreachais a-steach do Siria agus an Lebanon.
22 Ògmhios
Chaidh arm na Gearmailt a-steach dhan Ruis. Seo toiseach Operation Barbarossa.
28 Ògmhios
Fhuair na Gearmailtich smachd air Minsk.
10 Iuchar
Fhuair na Gearmailtich tarsainn air abhainn Dnieper anns an Ugràin.
12 Iuchar
Dh'aontaich Breatainn agus an t-Aonadh Sobhietach a chèile a chuideachadh.
14 Iuchar
Ghabh Breatainn thairis Siria.
26 Iuchar
Gheàrr na h-Amearaganaich an ceanglaichean ri Iapan.
31 Iuchar
Thug Goering òrdugh do Heydrich dèanamh deiseil airson "an fhuasglaidh dheireannaich".
20 Lùnastal
Thòisich sèist Leningrad.
3 Sultain
Chaidh a' chiad dhearbhaidhean le gas a dhèanamh ann an Auschwitz.
19 Sultain
Fhuair na Nàsaich smachd air Kiev.
28 Sultain
Dh'fhalbh a' chiad bhàtaichean a bha a' toirt bathar à Breatainn dhan Ruis.
29 Sultain
Chaidh mìltean de dh'Iùdhaich a mhurt aig Babi Yar ann an Kiev.
2 Dàmhair
Thòisich Operation Typhoon is na Nàsaich a' dèanamh air Moscow.
13 Samhain
Chaidh HMS Ark Royal a chur fodha le U-boat faisg air Gibraltar.
27 Samhain
Fhuair na Sobhietich Rostov air ais.
5 Dùbhlachd
Leig na Gearmailtich às an ionnsaigh air Moscow.
7 Dùbhlachd
Thug Iapan ionnsaigh air Pearl Harbour ann an Hawaii.
8 Dùbhlachd
Ghairm Breatainn agus Ameireaga cogadh an aghaidh Iapan.
11 Dùbhlachd
Ghairm a' Ghearmailt agus an Eadailt cogadh an aghaidh Ameireagaidh.
16 Dùbhlachd
Thòisich Rommel a' teiche air ais gu El Agheila ann an Afraga a Tuath.
25 Dùbhlachd
Ghèill Breatainn do Iapan ann an Hong Kong.
31 Dùbhlachd
Gu ruige seo bha còrr air 50 soitheach anns a' Chabhlach Mharsantach air an turas chunnartach gu Ruisia a dhèanamh.

1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy