BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An darna cogadh

Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig an àm sin.


1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945

1914 - 1918
A' Chiad Chogadh.
Air 28 Ògmhios 1914 chaidh Archduke Franz Ferdinand, a bha gu bhith os cionn na h-Ìmpireachd "Austro-Hungarian", a mharbhadh ann an Sarajevo, Bosnia. Mìos as dèidh bàs Franz Ferdinand, thòisich cogadh le An Ostair agus An Ungar a' sabaid an aghaidh Serbia.

Thàinig a' Ghearmailt a-steach dhan chath gus taic a thoirt dhan Ostair. Bha iad cuideachd airson crìochan na dùthcha a leudachadh gu mòr agus smachd fhaighinn air an Roinn Eòrpa. Chuir seo eagal air dùthchannan eile na Roinn Eòrpa agus thàinig an Fhraing agus an Ruis còmhla gus sabaid nan aghaidh. Cha robh Breatainn airson sabaid an toiseach, ach nuair a dh'fheuch a' Ghearmailt ri ionnsaigh a thoirt air an Fhraing tron Bheilg, dh'atharraich cùisean.

Cha robh A' Bheilg airson pàirt a ghabhail sa chòmhstri, ach nuair a thàinig arm na Gearmailt tron dùthaich, cha robh roghainn aca. Air sgàth 's gu robh còrdadh ann eadar Breatainn agus A' Bheilg gus càch a-chèile a chuideachadh, air 4 Lùnastal 1914 ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt.

Ged a bha a h-uile duine an dòchas nach maireadh an cogadh fada, agus gum biodh na saighdearan uile "dhachaigh ron Nollaig", len Chiad Chogadh fad ceithir bliadhna. Thathar am beachd gun deach 10 millean duine a mharbhadh ann, bha 750,000 dhiubh sin à Breatainn fhèin, agus chaidh a dhà uiread an àireamh sin a leòn.

Dh'aontaich a' Ghearmailt, An Ostair agus An Ungar sgur a chogadh air 11 Samhain 1918.

1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy