BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An NàmhaidBàs agus Brùidealachd

Nuair a ràinig feachdan a' Chaidreachais campaichean an Àird an Ear, thuig iad le cinnt gnè na nàmhaid. B'ann le uabhas a chunnaic iad staid nam prìosanach, an fheadhainn a bha fhathast beò.

Bha arm Iapain den bheachd nach robh càil cho maslach na bhith ann am braighdeanas aig do nàmhaid. Bha seo a' ciallachadh nach robh aca ach droch bheachd air an fheadhainn a bha nam prìosanaich aca fhèin. Bha iad ga faicinn nan cùis-nàire, nach robh airidh ach air magadh agus droch-làimhseachadh.

Postair "This is Nazi brutality"
©Northwestern University Library

Air ais

Èist ri na h-Eòlaichean
"B' e an inntinn aca bu mhiosa..."
Chunnaic Anna Mhoireasdan daoine le an corragan air an toirt dhiubh gus am fàinneachan fhaighinn, agus fiaclan air an tarraing nan turchradh òr a bhith annta.
"Rinn sinn march airson mìos..."
As dèidh do bhomaichean tuiteam air a' champa anns an robh Raghnall Stiùbhairt thàinig air coiseachd gu saorsa. Bha e air an rathad airson mìos agus b' iomadh sealladh uabhasach a chunnaic e air an t-slighe.
"Rinn sinn march airson mìos..."
Fhad 's a bha an Col. Calum Moireasdan na phrìosanach aig feachdan Iapain chaidh ionnsaigh uabhasach a thoirt air.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy