BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Saoghal ri StrìAn Eadailt

Leis cho soirbheachail 's a bha an cogadh ann an ceann a tuath Afraga do dhùthchannan a' Chaidreachais, cho-dhùin iad gu feumadh iad leudachadh air an seo le ionnsaigh a thoirt air an Eadailt. Ged a bha Mussolini ann an co-bhoinn ri Hitler bha an Eadailt gu mòr an eisimeil na Gearmailt airson taic - bha na thachair an ceann a tuath Afraga na dhearbhadh air an sin, is a' Ghearmailt air an Eadailt a shàbhaladh bho bhith air a sgrios gu tur.

Aig an toiseach, agus mus do chuir saighdear cas air tìr ann an Sicily, shamhlaich Churchill an Eadailt ri "brù bog na Roinn Eòrpa". Ach dhearbh ùine agus na ceudan mìltean a chaidh a mharbhadh is a leòn anns an Eadailt gu robh e fada ceàrr.

Leugh an tuilleadh mun chogadh anns an Eadailt.

Dealbh ©IWM: ref.NA4105

Èist ri na h-Eòlaichean
"Cha b'urrainn do dhuine gluasad tron latha…"
Anns an Eadailt, bha aig Tormod Mac a' Ghobhainn agus a chompanaich tric ri feitheamh ris an dìon a gheibheadh iad bho dhorchadas na h-oidhche.
"Thàinig na Gearmailtich suas cliathaich na beinne…"
Fhuair Dòmhnall MacIosac trèanadh ann an Ameireagaidh agus anns a' Chuimrigh mus deach e dhan Eadailt.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy