BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Saoghal ri StrìAfraga

Bho Fhoghar 1940, nuair a bhrist na h-Eadailtich a-steach dhan Èipheit, bha iomadh batal air ais agus air adhart an ceann a tuath Afraga eadar feachdan a' Chaidreachais agus an nàmhaid.

'S a' Mhàrt 1941, chuir Hitler an Seanalair ainmeil Erwin Rommel a cheann a tuath Afraga a thoirt taic do fheachdan Mhussolini. Ghluais e gu luath is thug e ionnsaigh air feachdan Bhreatainn mus robh dùil. Ach cha deach aige air gearastan Tobruk a ghabhail agus san t-Samhain 1941, mar thoradh air blàr fuilteach Operation Crusader, chaidh a bhruthadh air ais cha mhòr gu far na thòisich e aig El Agheila. Sheall e cho comasach 's a bha e aig Blàr Gazala ann an 1942 nuair a chaidh e gu cùl feachd Bhreatainn is thug e buaidh orra sa bhlàr timcheall "Knightsbridge," faisg air Bir Hacheim. Rinn e airson bailtean Alexandria agus Cairo a ghabhail ach chaidh stad a chur air le Eighth Army Bhreatainn fo ùghdarras Seanalair Claude Auchinleck aig El Alamein.


©William Chalmers

Dh'fhàs Rommel bochd an dèidh dà bhliadhna fhada de shabaid is bha an Desert Fox, mar a chante ris, air ais anns a' Ghearmailt nuair a thòisich dàrna blàr El Alamein air oidhche 23 Dàmhair 1942 is feachdan Bhreatainn a-nis fo smachd Seanalair Bernard Montgomery - Monty.

Leugh an tuilleadh mu Afraga a Tuath.

Èist ri na h-Eòlaichean
"Cha robh dad ri fhaicinn ach gainmheach…"
Bha Eòghainn MacDhòmhnaill agus Seonaidh MacIlleathain ri aghaidh a' bhlàir ann an Afraga a Tuath, gu h-àraidh aig El Alamein.
"Bha am batal uabhasach…"

Bha Niall MacLiuthar cuideachd aig blàr cudthromach El Alamein anns an fhàsach mu 150 mile an iar air Cairo.
"Leum sinn faisg air Tunis…bha againn ri aerodrome a mhilleadh…"
Na pharatrooper bha an t-Ollamh Murchadh Eòghainn Dòmhnallach ann an iomadh suidheachadh cunnartach. An turas seo bha na Gearmailtich a' feitheamh.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy