BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Aig an DachaighAm Blitz

Am Blitz
©Franklin D. Roosevelt Presidential Library

San t-Sultain 1940, fad 24 oidhche, bha sràidean Lunnainn nan smàl ‘s an t-adhar os cionn a’ bhaile air a lìonadh le sgread bhomaichean agus fuaim itealain feachd-adhair na Gearmailt, a’ Luftwaffe. Ged a bha an suidheachadh doirbh anns a h-uile dòigh, chùm daoine a’ dol, a’ toirt taic is misneachd dha chèile mar a b’fheàrr a b’urrainn dhaibh. B’ ann air an oidhche a thigeadh na bomairean, oir, a dh’aindeoin blackout, bha e furasta dhaibh bruaichean abhainn Thames a leantainn. Agus oidhche an dèidh oidhche dheigheadh daoine ri fasgadh fo thalamh ann an àitichean a thogadh a dh’aon ghnothaich, ach cuideachd ann an stèiseanan nan trèanaichean a bha ruith fo thalamh.

As dèidh am Blitz
©Franklin D. Roosevelt Presidential Library

Air ais

Èist ri na h-Eòlaichean
"Cha d'fhuair sinn dhan leabaidh airson seachd seachdainean..."
Bha Cairistiona Horley a' fuireach ann an Lunnainn. Bha cuimhne mhath aice air riaghailtean blackout agus an sgrios a rinn bomaichean air a' bhaile.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy