BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
PrìosanaichA' Coiseachd chun nan Campaichean

Saighdearan a' coiseachd
©William Chalmers

Bha a’ choiseachd fhada a rinn mòran phrìosanach tro raointean fàs agus bailtean briste na Roinn Eòrpa na dheuchainn agus na adhbhar dòrainn. Dh’fhuiling iad acras is pathadh, fuachd, sgìths agus aig amannan brùidealachd. Daonnan bha eagal orra ro na dh’fhaodadh a bhith romhpa.

B’ e briseadh cridhe a bh’ann dhaibh faicinn an sgrios a bha an cogadh a’ dèanamh air an dùthaich agus anns na bailtean. Dh’fheuch gu leòr dhiubh ri teiche air an t-slighe ach dh’fhaodadh an oidhirp do bheatha a chosg dhut.

Air ais

Èist ri na h-Eòlaichean
"Bha sinn a' coiseachd a h-uile latha - fad trì seachdainean..."
Às dèidh do Mhurchadh MacCumhais a bhith air a ghlacadh aig St Valery, thòisich e air an turas fada gu ruige campaichean nam prìosanach-cogaidh.
"Cha robh sinn beò ach air èiginn..."
Thug Aonghas Caimbeul ceithir bliadhna na phrìosanach-cogaidh. Rinn e a dhìcheall teicheach ach, gu mì-fhortanach, cha deach leis.
"Bha na brògan 's na casan a' fàs dona, 's cha robh sinn a' faighinn biadh ann..."
Pàiteach is acrach, bha Dòmhnall U MacFhionghuin cuideachd air a' choiseachd fhada gu braighdeanas as A' Phòlainn.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy