BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Anns an Roinn EòrpaDunkirk

B’ e adhbhar uabhais a bh’ann cho luath 's cho siùbhlach 's a fhuair na Gearmailtich làmh-an-uachdair ann an 1940. A dh’aindeoin an dìchill cha b’fhada gus am b’ fheudar do shaighdearan a’ Chaidreachais teiche gu ruige cladaichean Caolas Shasainn.

Chaidh armachd agus uidheam fhàgail anns a’ chabhaig agus aig deireadh a’ Chèitein, bha na ceudan mhìltean shaighdearan air tràigh Dunkirk a’ feitheamh ri aiseag gus sàbhailteachd fhaighinn ann am Breatainn. Thàinig ceudan de bhàtaichean de gach seòrsa gan iarraidh agus eadar 26 Cèitean agus 3 Ògmhios, chaidh 338,226 saighdearan Breatannach agus Frangach a shàbhaladh à Dunkirk, agus 220,000 eile à Cherbourg, Saint-Malo, Brest agus St-Nazaire.

Saighdearan sàbhailte
© Science & Society Picture Library

Air ais

Èist ri na h-Eòlaichean
"Bha cùisean sàmhach an toiseach…cha robh coltas ùpraid ann…"
Cha do dh’fhuirich cùisean sàmhach do Dhòmhnall Iain MacCoinnich. Bha e air soitheach a bha toirt shaighdearan à Dunkirk nuair a chaidh ionnsaigh mharbhtach a thoirt orra le itealan.
"Bha sinn eadar Dover agus Dunkirk trì tursan san latha…"
Bha Aonghas Greumach air tè de na bàtaichean a chaidh a dhèanamh cobhair orra-san a bha glacte air a’ chladach ann an Dunkirk.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy