BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Anns an Roinn EòrpaIonnsaidhean Adhair

Postair "Join an air crew"Bha obair cho cunnartach ‘s a bh’ ann aig sgiobaidhean nan itealan-cogaidh. Chaill mu 55,000 neach o Fheachd an Adhair am beatha thairis air bliadhnaichean a’ chogaidh. Bha trèanadh dian ri dhèanamh agus cha b’ e a h-uile duine a bh’ air a thaghadh airson a dhol dhan adhar.

© Science & Society Picture Library

Barrachd Fiosrachadh mun chogadh san adhar

Bha mòran a' tighinn gu Feachd an Adhair nach robh faisg air plèana a riamh, 's ma bha coltas idir orra nach seasadh iad ris, bha iad air an diùltadh anns a' bhad. Bha obair rèidio, combaist agus gunnaireachd ri ionnsachadh, glè thric air itealain thomadach, throm anns nach robh uidheam uabhasach adhartach, agus a bha cumhang agus fuar. Cha b'ann ro mhisneachail a bha Breatainn an dèidh a' chiad ionnsaighean-adhair aig toiseach a' chogaidh. Bha a' Luftwaffe a' dèanamh a' chùis air itealain throm an RAF gun cus dhuilgheadais. Cha robh ach aon anns gach ceithir itealain Breatannach a' bualadh an cuid thargaidean anns a' Ghearmailt.

A' leagail bomaichean
©Franklin D. Roosevelt Presidential Library

B' e feitheamh ri falbh bu mhiosa do mhòran - a' feitheamh òrdugh èirigh do speuran cunnartach. B' e leithid factaraidhean agus ionadan-airm bu mhotha air an robhas ag amas an toiseach ach dh'atharraich sin ann an 1942. B' ann an uairsin a chaidh Sir Arthur Harris no "Bomber Harris" air ceann na h-iomairt a rinneadh le bomaichean.

Bha Harris air a bhith na phaidhleat anns a' Chiad Chogadh agus bha na chunnaic e an uairsin air buaidh mhòr a thoirt air. Bha e a' creidsinn gum b' fheàrr a bhith leagail bhomaichean on adhar seach a bhith a' murt 's a' marbhadh air an talamh. Bha e gu h-àraidh airson ionnsaighean dian a thoirt le bomaichean air bailtean na Gearmailt le plèanaichean a bha comasach air mòran armachd a ghiùlain. Fo stiùireadh Harris, agus a' cleachdadh bhomaichean a dh'adhbhraicheadh teintean, thug feachdan-adhair a' Chaidreachais ionnsaighean cruaidhe agus connspaideach air bailtean mar Cologne, Berlin, Hamburg agus Dresden. Mharbh na h-ionnsaighean sin na mìltean mòra de dhaoine ann an 1944-5 agus rinn iad sgrios air togalaichean eachdraidheil is eile. Chaill Feachd an Adhair barrachd dhaoine anns a' chogadh na meur sam bith eile de dh'airm Bhreatainn.

Air ais

Èist ri na h-Eòlaichean
"Thug mi dà chalaman leam ann am basgaid…"
B’ ann airson ionnsachadh mu rèidio a chaidh Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach do Fheachd an Adhair ach cha b’fhada gus an robh e na fhear-iùil air bomairean.
"Bha cunnart ann fad an t-siubhail…"
B’ ann na fhear-iùil air bomairean a bha Calum Robasdan nuair a ghabh e pàirt anns a’ chiad ionnsaigh ri solas an latha a thug Feachd an Adhair air a’ Ghearmailt.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy