BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Deireadh a' ChogaidhBomaichean Niuclasach

Boma HiroshimaBha an cogadh seachad anns an Roinn Eòrp' ach bha an t-strì an aghaidh Iapan fhathast a' dol. B' e an dà bhoma atamach a ghreas cùisean an sin; na bomaicheam atamach a leagadh air Hiroshima air an 6 Lùnastal agus air Nagasaki air 9 Lùnastal 1945. Cha robh dhìth ach dà itealan airson an giùlain ach mharbh a' chiad bhom 100,000 neach ann an tiotan; mharbh an dàrna bom 40,000 neach.

Beagan làithean as dèidh seo, le eagal tuilleadh bhomaichean dhen aon seòrsa, ghèill Iapan do dh' Fheachdan a' Chaidreachais. Canar VJ Day (Buaidh an aghaidh Iapan) ri dà latha - 15 Lùnastal 1945 a chionn 's gur ann air an latha sin a chomharraich Feachdan a' Chaidreachais a' bhuaidh an aghaidh Iapan, agus 2 Sultain oir b' ann air an latha sin ann an 1945 a chuir Seanalair Koiso ainm ri pàipearan a' ghèillidh. B' e seo deireadh Cogadh 1939-45.

Air ais

Dealbh ©IWM: ref.MH2629

Èist ri na h-Eòlaichean
"Bha mi letheach slighe suas àradh..."
Bha Ailig J MacLeòid air bàta san Ear nuair a chuala e gu robh an cogadh anns an Roinn Eòrpa seachad. Cha b' e sin e dhan chogadh anns an robh e fhèin an sàs.
"Bha mise ann an Rangoon..."
Chunnaic Iain MacLeòid an gàirdeachas a rinneadh ris an naidheachd mu VJ Day.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy