BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An Nàmhaid

'S e Hitler am Buaradair -
Niall Peutan à Port Rìgh,
air a sheinn leis fhèin


'S e Hitler am buaireadair le thruaighe dhùisg a' chòmhstrì,
Dh'fhàg a' saoghal duatharach 's a sluagh a th' air a' còmhnaidh.
Ma nì freasdal buaidh thoirt dha, gur truagh na dh'fhàgar beò dhinn,
Bidh Ifrinn fhèin gar cuartachadh gun dèan an uaigh ar còmhdach.

Thòisich e gun tìm thoirt dhaibh, le innleachdan 's le sheòltachd,
Air sluagh bha duineil dìcheallach, mar chì sinn ann am Pòland.
Sgathadh sìos na mìltean dhiubh ged sheas iad dìleas còmhla,
'S an lagh gun d' rinn e dìmeas air, gun sgrios e 'n tìr le fòirneart.

Ach cha d'rinn siud a shàsachadh, tha h-uile h-àit' a dhìth air,
Gach rìoghachd bhith o shàil aige, 's e chùrs a dh'fhàs na inntinn.
Tha iarrtas an t-Sàtain ann, 's e sgrios gun tàmh tha dhìth air,
Na neo-chiontaich a shàrachadh 's an cur gu bàs le mhì-rùn.

'S gur mòr an t-adhbhar uabhais dhuinn ma gheibh e buaidh san t-strì seo,
Cha bhi bàidh no truas ann dhuinn, tha fuath aige dor rìoghachd.
Ma gheibh e làmh an uachdair òirnn, 's ann cianail truagh dheth bhios sinn,
Gun tig am bàs thoirt fuasgladh dhuinn - an duais bhios againn cinnteach.

'S tha Norway toirt dùbhlan dhà 's a' seasamh grunnd gu làidir,
Nuair shaoil leis gu robh 'n crùn aige gun deach an cùrs' ud ceàrr air.
'S beag a bha do dhùil aige nach biodh gach cùis mar b'àill leis,
Gu lùbadh iad an glùinean a' toirt ùmhlachd mar rinn càch dha.

Tha roinn dhe bheath' an dìomhaireachd, chan eil fhios dè freumh bhon dh'fhàs e
Cha chualas fear a ghnìomhairean; cha d' rugadh riamh le màthair,
Tha cumhachdan gun chrìoch aige 's tha mìorbhailean na fhàbhar
Tha soirbheachadh on Diabhal a' cur dìon air bho gach nàmhaid.

Ach feumaidh sinn bhith cruadalach 's a' bhuaidh a chur gun dàil air
A cheannsachadh gun truas bhith ris mar 's luaithe 's ann as fheàrr e.
Ma sgrios e tuilleadh thruaghanan nach d'adhbhraich fuath no gràin dha,
Ach cuilbheartan a' bhuaireadair tha riaghladh sluagh an Nàsaidh.

'S tha fhios gu faighear innleachd air a chur fo chìs 's a chàirdean
'S Ameireaga ag innse dhuinn g'eil airgead-cinn an-dràst' air,
Nuair gheibh sinn dhan a' phrìosan e, bidh pheanas cinnteach làidir,
Bidh an uabharrach ud air ìsleachadh 's bidh sìth sa h-uile ceàrnaidh.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy