BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
D-Day

'S fhada Bhuamsa thar a' Chuain -
Calum Mac an Tòisich, air a sheinn le Fionnlagh MacNèill

'S fhada bhuamsa thar a' chuain
'S fhada bhuamsa mo dhachaigh
Tric mo smuain-sa 's i ruith bhuam
A dh'Uibhist a Tuath gu mo dhachaigh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Tha mi 'n seo air cost na Fraing'
'S beag a th' ann dhuinn ri tilleadh
'S mòr a th' air tuiteam dhuinn mu thràth
Nach tog làmh no sùil cha phriob iad.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Chan eil fasgadh an seo no dìon
Cladhach tuill sìos fon talamh
"Shells" a' spealtradh dhuinn mun cuairt
Gun bhuaidh bidh m' uaigh-sa seo ro mhadainn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Na mo smuain-sa tha an ciad-làmh
'S air cainnt a bheòil 's a shùil a' sileadh
Tha Dover air a dhol an ceò
'S cha bhi mi beò gus fhaicinn tuilleadh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Chluinn an sin an còmhradh thall
Mu robh dàn dhan a' mhanadh
Mun robh'n oidhche suid ach òg
Fhuil is fheòil cha robh cuideachd.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

B' e mo mhiann-sa bhith an-dràst'
Dèanamh tàmh fo Chnoc a' Bharraich
Cluinntinn fuaim tighinn far Tràigh Stìr
Na cheòl binn nam sheòmar cadail.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Dh'èirinn sin à leabaidh bhlàth
'S chuirinn fàilt' air grian na maidne
Nam mhiann-sa cuairt chur air an Àird
'S air grìoban àrda de ghob fhada.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Chromainn sìos air an Tràigh Mhòir
'S dhan Chròic Bhig 's Pholong cha mhealainn
'S ro Chaolas Bhàigh Mhàileis dhan Tràigh Iar
'S dhìrinn siabain crìochan Sholais.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Ann an cogadh, chan iarrainn làmh
Is ga rèit gur làn mo dhaga
Gus nuair nochdadh rinn an nàmh
An sin gun dàil gun cuir sinn stad air.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Co-dhùnaidh mi a-nis mo dhàn
'S bidh a' tàmh sìth gu bràth an Uibhist
'S na gillean dh'fhàg i thoirt an sàs
'S gu math slàn a nì iad ruighinn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

'S fhada bhuamsa thar a' chuain
'S fhada bhuamsa mo dhachaigh
Tric mo smuain-sa 's i ruith bhuam
A dh'Uibhist a Tuath gu mo dhachaigh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy