BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Àite nam Boireannach

Caoidh nam Fear Treun - Peigi NicChoinnich,
air a sheinn leatha fhèin

Tha Leòdhas 's na Hearadh, tha Ìle agus Muile
Tiriodh agus Uibhist-a-Deas agus Tuath;
'S tha Eilean a' Cheò agus bailtean na mòr-thìr
Ri caoidh nam fear òga rinn seòladh thar chuan.

Gach sgìr' anns gach eilean 's gach bail' tha air leth ann
Tha caoidh agus tuireadh, tha mulad is bròn;
Ri caoidh na fir thapaidh a thuit anns a' bhatal
'S iad fada bhon dachaigh air talamh na Roinn Eòrp'.

Tha tonnan na mara ri 'g èirigh le cabhaig
A' bualadh 's a' sgaladh mu charraigean bàn;
A' bualadh gun anail a dh'oidhche 's a latha
Ri caoidh na fir chalm' thug an fhairge gu làr.

Gach allt agus sruthan ag èirigh 's a' tuireadh
Gabhail an turas ri siubhal don chuan;
Ag osnaich ri chèile thar mhonaidhean 's slèibhtean
A' caoidh na fir threuna a rinn leum air am bruaich.

Tha sinn aig a' bhaile ri 'g ionndrainn nam balach
Dh'fhalbh iad le cabhaig bho dheas is bho thuath.
'S tha clachan nan staran is leacan na starsaich
Ri 'g ionndrainn nan casan a dhèanadh orr' fuaim.

Gach flùran sa mhachair thig fàs orr' as t-earrach
Ged a tha iad nan cadal an achlais nam bruaich.
Thig samhradh 's thig earrach, cha till iad siud dhachaigh
Na h-òigearan tapaidh sa bhatal thug suas.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy