BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An Cogadh Aig Muir

Fadachd an t-Seòladair
le Iain MacIllinnein,
air a sheinn le Iain 'Hoddan' Dòmhnallach

Gun dèan mi rann 's mo chridhe trom,
Is mi fo chuing dha m'aindeoin,
Air bòrd an luing, mi sgìth is tinn,
'S an cuan na ghlinn dol seachad.

Thoir soraidh bhuamsa thar a' chuain,
Is inns don t-sluagh a dh'fhuirich,
Ma thig an t-sìth, dèan dhaibhsan inns',
Nach bi sinn sgìth dol dhachaigh.

Tha 'n geamhradh fuar 's tha reothadh cruaidh,
Is smùid a' chuain gar dalladh.
'S mi bheireadh duais bhith 'm blàths mo luaidh -
'S i chuireadh gruaim far m'aire.

Bho èirigh grèin gu laighe sìos
Bidh sinn fo fhiamh 's fo eagal,
'S nuair thig an oidhch' cha chaidil sinn:
Bidh mi sa chrann ri faire.

Is truagh an-dràst' nach robh sinn cruinn
An tìr nam beann, mar chleachd sinn:
Tha cuid chatill, 's cha coinnich rinn -
Bidh 'n cuan 's na tuinn gam falach.

Nuair a bhiodh sinn cruinn an taigh MhicAoidh,
Cha b' fhad ' an oidhch' dol seachad;
Ged bhiodh e uair cha bhiodh òirnn gruaim
Ri èirigh suas sa mhadainn.

Bheir mi gu ceann am beagan rainn,
'S mi cluinntinn fear le feadaig
Toirt òrdugh teann dhol suas air ball,
'S an long a' fàgail caladh.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy