BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Anns An Roinn Eòrpa

Nochd gur Luaineach mo Chadal
le Iain MacNeacail,
air a sheinn leis fhèin

Nochd gur luaineach mo chadal,
fliuch fuar tha mo leabaidh,
's mi nam shìneadh gun fasgadh
air achadh na Fraing.
Gach cunnart is gàbhadh
's a bheil mi a' tàrsainn
bidh nam chuimhne gu bràth
fad bhios tàlant nam cheann.

Mìle mallachd don Ghearmailt
dhùisg an cogadh le farmad,
nach tèid leinn air dearmad
gun bhith searbh dhaibh da rèir
son na mìltean a mharbhadh
de ar n-òigridh bu chalma,
's bailtean mòra bha dealbhach
chaidh a spealgadh às a chèil'.

'S ann a thòisich còmhraig
ag iarraidh gu Pòland
'n dùil gu faigheadh iad còir
na Roinn Eòrpa gu lèir.
'S gach rìoghachd nan crìochan
gun tug iad gu strìochdadh,
cur dhaoin' ann an iarainn
's gam pianadh gu geur.

Gu bheil innealan sgriosail
tigh'nn sna speuran gun fhios òirnn
air an talamh toirt clisgeadh
's a' bristeadh o chèil'.
Longaibh adhair mar dhruidean
feadh na h-iarmailt air uidil,
's gu bheil deatach bho ghunna
cur dubhar air grèin.

Ach bròn de gach sealladh
faicinn òigridh ga sgathadh,
's iad leònt' air gach machair
a' sileadh fon creuchd.
Na raointean tha dathte
le fuil chraobhach nan gaisgeach
nach tilleadh le athadh
ach chaidh gaisgeil san t-sreup.

Gu bheil mòran rinn falbh dhiubh
à Gaidhealtachd na h-Alba;
b'iad taghadh ar n-armailt
's a dhearbh e nan euchd.
Ar nàmhaidean bu gharga
gun chuir iad gu farbhas;
chaidh an sgapadh mar mheanbh-sprèidh
feadh gharbhlach an t-slèibh'.

Ach thoir beannachd gum mhàthair
's do luchd-èolais 's dom chàirdean,
's dèan inns' dhaibh gur slàn mi
ged is ànrach mo cheum,
gun till mi rithist sàbhailt'
nuair thèid crìoch air na blàran,
's a bhios sìth dhuinn air fhàgail
's do gach àl thig nar dèidh.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy