BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Deireadh a' Chogaidh


Thoir a-nuas RealPlayer
RealPlayer neo-shuidhichte

Òran a' Ghearraidh Chruaidh - Donnchadh "Dodds" Graham, air a sheinn le Murachadh Moireasadan

Lùiginn dèanamh òran nam b'eòl' dhomh dhol na cheann,
Briathran chur an òrdugh son seòldairean bochd Leòdhais,
A chog sia bliadhna dhòrainneach air bòrd gach seòrsa luing,
Chog iad dìon na rìoghachd is bu dìleas a bha na suinn.

Gheall luchd-riaghlaidh mòran dhuinn nam buannaicheadh sinn sìth,
Gheall iad taighean mòra dhuinn, 's nach biodh a-chaoidh òirnn dìth,
Ach pàigheadh bochd na thuarastal a fhuair na gillean caomh,
Bu duilich leotha nuair chual' iad gun bhuannaich sinn an t-sìth.

Champ a bh'aig a' nèibhidh dol fo fheum sa Ghearradh Chruaidh,
Siud an camp bha feumail dhuinn nuair thill sibh leis a' bhuaidh,
'S an luchd a gheall mòr aoibhneis dhuinn 's a leugh sinn iomadh uair,
Gheàrr iad uisg' na speuran bhuain nuair a 'raid' sinn a' Ghearraidh Chruaidh.

An luchd a fhuair math a' bhlàir 's e pàirt chaidh às an ciall,
Chan eil fear ac' nach eil fàrdach aig' rinn beartas a' chlò mhòr,
Ach nuair thug sinn an cath gu ceann a' coimhead na neòil is tìr,
'S ann lùigeadh iad ar fuadach null thar chuan gu tìrean ùr.

Air uachdar Cuan Phacific ann am meadhan banca ceò,
Tha mise a' faighinn riarachadh na briathran-s' chur air dòigh,
Cha b'ann an seo bu mhiann leam bhith nam faighinn rian bith-beò,
Ach còmhla ri mo theaghlach tha ri tàmh an Eilean Leòdhais.

Port Hobart 's i am bàta air a bheil mi an-dràsta nam làimh,
New Zealand chì mun t-Sàbaid sinn, ma thèid na cùisean leinn,
'S nuair lìonas iad an-àirde dhuinn i le càise, feòil is clòimh,
Tha mo dhòchas dùbailt' gum bi Bhliadhn' Ùr againn an Leòdhas.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy