BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Toiseach a' Chogaidh



A' Fàgail na Caradh air Madainn Dimàirt -
le Fionnlagh Moireasdan,
air a sheinn le Dòmhnall A MacIllinnein


A' fàgail na Caradh air madainn Dimàirt,
Mo shùil air an drochaid an Ob Ceann a' Bhàigh,
Ach am faicinn-sa sealladh air leannan mo ghràidh,
'S gun neach air an talamh an-diugh leam nas fheàrr.

An àm fàgail a' chidhe bha m' aigne fo leòn,
'S mi faicinn clann-nighean a' sileadh nan deòir,
'S an smuain dol trom chridhe, cha bhiodh tilleadh gu leòr,
Saoil nach coinnich sinn tuilleadh sa linne seo beò.

Bha an Caol aic' ga ghearradh mar eal' air an t-snàimh,
'S air gach cnoc ghabh i seachad bha caileagan òg,
A' smèideadh le dùrachd, luchd an gaoil innte air bòrd,
A' falbh dhan a' chogadh a dhìon na Roinn Eòrp'.

O cha b'urrainn dhuinn diùltadh air cunntas an Rìgh
Ach b'fheudar dhuinn tionndadh gus gach cùis chun gu sìth
Nam biodh fios aig an dùthaich a' chuid dhinn nach till
Bhiodh faoileag na mara a' cromadh a cinn.

'S nuair a dh'fhàg i gach sròn agus òb bh' anns a' chaol,
Cha d' dh'innis mi do dhuine mar a shil mo shùil,
Nach fhaicinn an dachaigh san robh thusa rùin,
'S na cnuic bhuam ga fhalach air madainn latha ciùin.

'S e dh'fhàg mi cho duilich is buileach fo leòn,
Gu bheil tè san eilean gan tug mi mo bhòid,
'S mur toir i dhomh gealladh gu faigh mi oirr' còir,
Chan fhaic sibh mi tuilleadh ann an Scalpaigh rim bheò.

Ach thug mi dhith gealladh nach aithris mi 'n-dràst',
'S an fhàinne le daoimein a' cur seula air gu bràth,
Ma gheibh mise dhachaigh is cùisean mar bha,
Le òrdugh na clèir gun tèid soighne air le dhà.

Soraidh slàn leat a rìbhinn seo cinnteach mo làmh,
Tha mise ri falbh air an fhairge nach tràigh,
'S ge b' e àite 's an gluais mi ann an cruas air no càs
'S ann ort fhèin bhios mo smuaintean gus an dual dhomh am bàs.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy