BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An Nàmhaid

Cliù Hitler - Murchadh D. MacDhòmhnaill, air aithris le Calum Ros

'S tu breun de gach creutair air thalamh:
Ceann duin' ort 's e falamh de chiall;
Bidh tu bùirich mar tharbh na chorraich,
Le briathran làn toibheim nad bheul.

Chuir Dia ort ìomhaigh an duine,
Ach mhill thu e tuilleadh is tràth,
Is roghnaich thu aogas an donais
Is thug thu do thoinisg tur dha.

Reic thu do chridhe ri Sàtan;
Ghràdhaich thu mort agus leòn;
Mharbh thu an naoidhean 's a mhàthair,
Is dh'fhàg thu na mìltean fo bhròn.

Tha mallachd nam mìltean mud amhaich -
Is cianail an t-eallach dhut e.
Cha dèan sgorran nan creagan dhut falach
On t-sùil tha gad amharc o Nèamh.

Nan robh thu falbh air cheithir chasan,
Cha shaoilinn dad den a' chùis,
Ach 's bochd thu bhith coiseachd mar dhuine,
Le nàdar is cridhe na brùid.

Mharbh thu an t-athair 's a' mhàthair
'S an dìlleachdan dh'fhàg thu gun diù;
le sin tha thu grod na do nàdar-
'S ann chuireadh tu nàir' air a' chù.

Chan eil olc a rinn Sàtan air thalamh
Nach fhaicear ann an sealladh do ghnùis;
Tha sibh co-fhreagart sa charaid
'S bhur nàdar co-ionnan 's gach cùis.

Measg chreutairean sgreataidh na talmhainn
A dh'itheas 's a mharbhas a' chèil',
Tha toiseach aig nàdar na muic ort,
Ged dh'itheas i a h-uirceanan fhèin.

Ach stad ort. Tha do là ri tighinn
'S tha i tighinn le cabhaig gu crìch
Anns am b' fheàrr dhut a bhith air do thachdadh
Leis a' chiad bhlas don a' chìch.

(Seo agaibh a' chuid as gile de chliù Hitler. Tha 'n còrr den chliù aige cho dubh 's gun dèanadh e sgrìobhadh dubh air pàipear teàrr)


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy