BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
D-Day

Cumha Arnheim - le Calum Ruadh MacNeacail, air aithris le Dòmhnall Camshron

Sèist:
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran,
Dìon na dùthcha seo aig Arnheim,
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.

Cumaibh cuimhn' air bàs nan gillean,
Bha iad measail aig an càirdean;
'S lìonmhor sùil a bha deurach
Mar a dh'èirich do na h-armainn.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.

Cumaibh cuimhn' air bàs nan gaisgeach,
Gillean sgairteil tapaidh làidir
Chaidh a-null gu tìr na h-Òlaind,
Is nach till rim beò dhan àite.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.

B' iadsan trùbaidhean nan speuran,
Foghainteach nach d'ghèill dhan nàmhaid;
gaisgeil, gargail, calma, fearail,
Smear nam bailtean iad 's nan àrd-bheann.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.

Chaidh iad a-null air Didòmhnaich
Chun na h-Òlaind 's ceò a' tàmh air,
Air an òrdugh o na neòil oirr'
Leoth' tha ghlòir nach fhaodar àicheadh.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.

Còig latha mar a chualas,
Sheas iad gu cruaidh sa bhlàr ud.
Gus na theirg biadh is luaidhe,
Cha robh nuairsin dhaibh ach fhàgail.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.

Dh'innis Churchill don an t-saoghal,
Dìol nan daoine ud is an tàire.
'S nach b'ann faoin a chuirte an gluasad
Agus dha na fhuair am bàs ann.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy