BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
3 Samhain 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An Cogadh aig Muir

Air HMS California - Iain Moireach, Tolastadh, air aithris le Coinneach Dòmhnallach

Tha seo an treas làmh agam air feuchainn dàn chur cruinn,
'S a riamh a-nuas sa bheatha seo cha b'urrainn mi thoirt dhuibh;
Ach nuair a thàinig cruadal a ruag mi feadh nan tuinn,
Gu'n dh'fheuch mi nan fhaireachdainn gun dèanainn beagan rainn.

Diciadain fàgail Ghrianaig gur cianail a bha sinn,
Oir air an t-slighe roimhe seo gun deach a radha rinn,
"Ma thilleas sibhse sàbhailte don àite seo na àm,
gu cinnteach gheibh sibh dhachaigh air son seachdain às a' chuing."

Na caistealan a bh'againn air an turas sin ri falbh,
Thuit iad mu ar clagainn gu bhith briseadh sìos nan dealbh;
Na nithean ris robh dùil againn co-dhiù gun rinn iad falbh,
'S gun dh'èirich nithean ùra rinn ris nach robh sùil gu dearbh.

Mus robh sinn fad' air imeachd thàinig fios thugainn air bòrd,
Ag innse dhuinn mar thachair don Chanton anns a' cheò,
'S gu feumadh sinne lìonadh ann Grianaig leis gach stòr:
'S e dhol air ais gu Iceland tha dhuinne nochd mar bhròn.

Co-dhiù chan fheumte diùltadh - cha robh ann ach obair rìgh -
'S gun tug sinn dhaibh ar n-ainmibh gu dearbh air glè bheag prìs:
Sibhse nis tha'g èirigh as ar dèidh-ne biodh sibhs'
A' cumail às an Nèibhidh, oir tha èigh oirre co-dhiù.

O feuchaidh mi ri aithris mar a thachair dhuinn Diardaoin:
Mus robh sinn fad air imeachd thàinig piseach air an t-sìd',
Le gaoth bho tuath 's i bagarrach le samhan uisge mìn,
'S chan fhaiceadh tu le dorchadas am fear a bha rid thaobh.

Tha 'm bàt' an seo air ainm thoirt oirr' 's gu dearbh cha deach iad ceàrr,
Oir buinidh i do Steòrnabhagh, 's gur mòr bha innt' ga ràdh
De dh'èigheach is de dh'òranan le balaich òg 's gach àit',
'S chan fhaca tu an samhail ann am ficheadan air sràid.

Nuair bhios mi ri 'g amharc air an fhaire feadh na h-oidhch',
Gu saoil mi gun dean m'aigne mo thoirt air ais do Leòdhas,
Far robh mi fèin cho toilichte aig an loch ri taobh a' Bheinn:
'S na deilbh sin dhomh mar sgàile, nuair a bhios tu, ghràidh, nad shrann.

Feuch mus tog sibh ceàrr mi -gu bheil an t-àite-s' gam leòn;
'S urrainn maitheas fhaicinn aig na balaich tha 'n-diugh òg;
Oir nuair a gheibh sinn buaidh air an truaighe thug seo òirnn,
Chan fhaicear anns na linntean Nazi chuireas sinn fo spòig.

Tha seachdain a-nis fhathast gus am faigh sinn chun na tìr.
Soithichean chan fhaca sinn dol seachad ach a h-aon.
Sinn fhèin nach robh gan iarraidh leis cho fiadhaich 's bha 'n t-sìd'.
Gu robh gu leòr do Hitler bhith faighinn seo mar chìs.

Bidh mi nis ri crìochnachadh: cha chuirinn sìos an dàn
Na thachair rinn 's na chunnaic sinn bho thàinig sinn dhan àit'-s':
Fuachd cha dèan sinn dìochuimhn' air le siab de chathadh làir,
Is smùid na mara còmhla ris gar gonadh chun a' chnàimh.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy