BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Anns an Roinn Eòrpa

Dunkirk - le Murchadh MacFarlane, beagan rannan às air aithris leis a' bhàrd fhèin

O àm èirigh na grèine
Gu ruig tuiteam na h-oidhche
Strì a' sireadh fàth beuma
Faram bheuglaid chluinnte;
'N aghaidh carbadan iarainn
Ciod a dhèanamh an rinn duinn?

Nan robh duine ri duine
Againn 's cothrom na Fèinne
Cha b'ann leoth-san ach leinne
Bhiodh an latha; 'n sin dh'èireadh
Grian na Saors' air na treubhan.

O mar sheas an dìon-cùil ud
Gus an d'fhuair chum na tràigh sinn;
Fear mar thuit sheas dùr, dùlanach
Fear eile na àite
Gu mu dheireadh nach d' fhuaireadh
Neach sheas suas anns a' bheàrna.

Ged a fhuair chun na tràigh sinn
Oir air ar càradh cha b' shùgradh:
Muir a' mhaoidheadh ar bàthadh
'S ar nàmh dàn air ar cùlaibh;
Sinn aige air an innean
'S cha d' chaomhain buill-ùird air.

Mar na stèarnagan lìonmhor
Air tràigh Mhealaboist san t-Samhradh
Os ar cinn iad san iarmailt
Frasadh luaidh òirnn amhluidh
Mar froiseas tuath ghailleann
Clach mheallain a' gheamhraidh.

Ach nan cluinneadh sibh an iollach
A thog air an tràigh sinn
Nuair chunnaic ar balaich
Ar cabhlach sàile;
Bhuail cruaidh sinn ar basan
'S glaodh, "Breatainn gu bràth!" sinn.

"Maois a thràigheas an caolas
A bheil leibh?" deir nàmh tàireil.
Chual am freagart an saoghal
Thug ar cabhlach sàile
Spìon trì cheud gu leth mìle
Dhinn à ìnean na nàmhaid.

Glac misneachd, a Shaorsa,
Cluinn caismeachd do Chàirdean
Tighinn lem brataichean sgaoilte
Lìonmhor, armaichte, làidir,
'S iad ri bòideachadh daingeann
Gun cathaich gu bàs dhut.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy