BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Deireadh a' Chogaidh

Thoir a-nuas RealPlayer
RealPlayer neo-shuidhichte

Òran an t-Sìth - Calum Ruadh MacNeacail, air aithris leis fhèin

'S e seo a' bhliadhna shòlasach chaidh stad air còmhstri dhaor,
A sguir an dòrtadh fala air an talamh le droch rùn,
Bhon chaidh an aimhreit thairis rinn an sgaradh às an t-saoghal,
Nach aoibhneach an-diugh ri aithris gu bheil againn a-nis saors'.

Bidh cuimhne air an t-samhradh seo rè fad gach àm is linn,
Cho fad 's a bhios grian is gealach ann, cladach agus tìr,
Nuair sìocud am murtair Gearmailteach, chaidh armailtean fo chìs,
Nuair sgrios iad sìos na h-ainmhidhean bha meanmna Japanese.

Leugh sibh mu na daingnichean, mun ainm An Atlantic Wall,
Chaidh thogail leis a' Ghearmailteach air cost' na Fraing on Spàinn,
Cho fada suas ri Lochlann, bha chuid mhèinnnean air gach tràigh,
Bha deiseil le chuid champaichean gu nàimhdean chur na smàl.

Aig Normandy gun sheall iad dha nach b'ann mar siud a bha,
Nuair dhòirt iad na commandos air, air madainn moch Dimàirt,
Chaidh armailtean taobh Shasainn, gu chuid chladaichean an sàs,
Cha b'fhada a sheas am balla ud, bha e mar ghainmheach air an tràigh.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy