BBC HomeExplore the BBC

DIHAOINE
29 Lùnastal 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Toiseach a' Chogaidh
"Mharbh e gille Welsh; bha mi fhèin gu math eòlach air…"
Bha Dòmhnall U. MacFhionghuin à Malacleit, Uibhist a Tuath, den bheachd gu robh na geàird a bha air a bhith sa Chiad Chogadh na b' fheàrr do na prìosanaich.
"Bha feadhainn ann a bha fìor mhath dhuinn…"
Mhothaich Ruaraidh Moireasdan à Siadar Bharabhais, Leòdhas, gu robh cuid de na geàird Ghearmailteach na bu choibhneil na cuid eile.
"Loisg e air, agus mharbh e e…"
Chunnaic Seonaidh Simpson à Fan Mòr, Muile, dè dh'fhaodadh tachairt mur robh cùisean mar a mhiannaicheadh na geàird.
"Chuir e a chas a-steach gun fhios dha…agus thog an geàird an gunna…"
Mhothaich Murchadh Moireach à Nis, Leòdhas, gu robh na geàird a bha anns an Hitler Youth uabhasach cruaidh air prìosanaich.
"Dhiùlt e dhol a dh'obair…thàinig iad leis a' mhachine gun…"
Chunnaic Iain Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, iomadh gaisgeach anns na campaichean.
"Tha rudeigin fada ceàrr an seo, thuirt mi…"
Bha Dòmhnall R MacCoinnich à Airidh a' Bhruthaich, Leòdhas, a' geàird prìosanaich Ghearmailteach. Aon oidhche thòisich ùpraid nam measg.
"Chuir iad gràin annainn, na daoine a bha gar trèanaigeadh…"
Bha aig Tormod MacAonghais bhon a' Bhac, Leòdhas, air fiosrachadh fhaighinn bho shaighdearan Gearmailteach.
"B' e an inntinn aca bu mhiosa…"
Chunnaic Anna Mhoireasdan à Nis, Leòdhas, daoine le an corragan air an toirt dhiubh gus am fàinneachan fhaighinn, agus fiaclan air an tarraing nan turchradh òr a bhith annta.
"Rinn sinn march airson mìos…"
As dèidh do bhomaichean tuiteam air a' champa anns an robh Raghnall Stiùbhairt à Loch na Madadh, Uibhist a Tuath, thàinig air coiseachd gu saorsa. Bha e air an rathad airson mìos agus b' iomadh sealladh uabhasach a chunnaic e air an t-slighe.
"Cha toir duine a bha ann maitheanas dhaibh a-chaoidh…"
Fhad 's a bha an Col. Calum Moireasdan à Uig, Leòdhas, na phrìosanach aig feachdan Iapain chaidh ionnsaigh uabhasach a thoirt air.
"Bha feum againn laighe air an làr…"
Chunnaic Iain MacAmhlaigh à Breascleit, Leòdhas, na trèanaichean a' toirt daoine chun nan campaichean-bàis.
"Bha sinn a' fàs ro eòlach air rudan mar sin…"
Bha aig Ruaraidh Moireasdan à Siadar Bharabhais, Leòdhas, ri leacan bho uaighean Iùdhaich a chleachdadh airson cabhsair a thogail. Cha robh e air a shon ach b' fheudar dèanamh mar a bhathas ag iarraidh air.
"Bha sinn a' faicinn seallaidhean a bha cur fìor thruas òirnn…"
Chunnaic Iain Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, seallaidhean uabhasach, gu h-àraidh Iùdhaich air an droch leòn.

Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy