BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Toiseach a' Chogaidh
"Bha eagal mòr, mòr orm…"
Fhuair Pòl Mac a' Bhreatannaich à Barraigh tòrr trèanadh mus d'fhuair e bonaid dearg nam paratroopers. Bha feum aige air, air D-Day.
"Aig fìor thoiseach 1944 thòisich sinn a' dèanamh deiseil…"
Mar mòran eile, bha Ruairidh Moireasdan, à Nis, Leòdhas, a' deisealachadh airson D-Day.
"Bha iad air innse dhuinn gu robh sinn a' dol a-nall chun na Frainge…"
Mar iomadh neach eile bha làn fhios aig Tormod MacAonghais, bhon a' Bhac, Leòdhas, gu robh ionnsaigh gu bhith ann. Coltach ri iomadh neach eile, cha robh e an dùil gun tilleadh e.
"Bha an sgiath na teine, agus bha feum againn leum a dhèanamh…"
B'e Pòl Mac a' Bhreatannaich à Barraigh, an t-ochamh duine a fhuair às a' phlèana mus do bhuail i talamh na Frainge. Cha d'fhuair aiste uile gu lèir ach naoinear. Bha fuaim nan gunnachan mòra na chluasan nuair a bhuail e an talamh.
"Nuair a ràinig sinn a-nall bha am bombardment faidhr air tòiseachadh…"
As deidh dhà a bhith an sàs a' toirt cobhair dhan Ruis, bha Uilleam MacIlleathain à Baile an Truiseil, Leòdhas, cuideachd an sàs air D-Day.
"Cha robh fhios againn gu dè bha dol a thachairt…"
Bha Dòmhnall MacAonghais bhon a' Bhac, Leòdhas, ag obair air Pluto, pìob fon uisge eadar Sasainn agus an Fhraing airson connadh a ghluasad airson D-Day.
"Chunnaic sinn na bombers a' tighinn a-steach…"
Chunnaic Calum Bochanan à Leòdhas, na paras a' tighinn sìos. Bha gu leòr aca nach do ràinig an talamh beò.
"Cha do dh'innis iad dhuinn càite robh sinn a' dol idir…"
Nuair a ràinig Eachann MacAmhlaigh, à Leòdhas, Normandy, chunnaic e àireamh mhòr de thancaichean agus shoithichean. Chunnaic e cuideachd àireamh mòr de dhaoine a' call am beatha.
"Mur a b' e am Bìoball cha bhithinn comasach air seo innse dhut an-diugh …"
Chaidh Niall MacLiuthar à Àird Bhasair, an t-Eilean Sgiathanach, a leòn ann an Normandy. Shàbhail na bha na phòcaid a bheatha.

Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy