BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Toiseach a' Chogaidh
"Cha robh dad ri fhaicinn ach gainmheach…"
Bha Eoghainn MacDhòmhnaill à Homhstadh, Uibhist a Tuath, agus Iain MacIlleathain à Hogha Gearraidh, Uibhist a Tuath, an sàs anns a' bhlàr ann an Afraga, gu h-àiridh ann an El Alamein.
"Bha am batal uabhasach…"
'S ann a bha Niall MacLiuthar à Àird Bhasair, an t-Eilean Sgitheanach, cuideachd an sàs ann an El Alamein. Chuir e fhèin seachad dà bhliadhna a' sabaid ann an Afraga.
"Leum sinn faisg air Tunis…bha againn ri aerodrome a mhilleadh…"
Mar pharatrooper, bha an t-Ollamh Murchadh Eòghainn Dòmhnallach à Drinisiadar na Hearadh ann an iomadh suidheachadh cunnartach. Nuair a chaidh e gus aerodrome a mhilleadh bha na Gearmailtich a' feitheamh.
"Cha b'urrainn do dhuine gluasad tron latha…"
'S ann san Eadailt a bha Tormod Mac a' Ghobhainn à Nis, Leòdhas, ach chuir e fhèin agus a chompanaich seachad a mhòr chuid den tìde a' feitheamh airson dorchadas na h-oidhche.
"Thàinig na Gearmailtich suas cliathaich na beinne…"
Fhuair Dòmhnall MacIosac à Cladach Circeabost, Uibhist a Tuath, trèanadh ann an Ameireagaidh agus a' Chuimrigh mus do dh'fhalbh e chun an Eadailt, far an robh an trèanadh gu feum mhòr.
"Chuala mi machine gun…"
Bha Calum MacLeòid, à Nis, Leòdhas, a' feuchainn ri cadal ann am bothaig ann am Burma nuair a chaidh mullach na bothaig a thoirt dhith le machine gun.
"Tha mi cinnteach gu bheil na initials agam suas fhathast…"
Bha Uilleam Mac a' Ghobhainn, à Siadar Bharabhais, Leòdhas, a' dèanamh deiseil airson a dhol air tìr ann an Iapan nuair a thàinig deireadh a' chogaidh. Roimhe sin bha e air a bhith ann am Burma.
"Dh'òl i an t-uisge, agus bhàsaich i…"
Bha Anna Mhoireasdan, à Nis, Leòdhas, a' dèanamh obair-iùil. Leis na chunnaic i fhad's a bha i thall san Àird an Ear, chaidh bliadhnaichean seachad mus robh i comasach air coimhead air dealbhan bhon àm.
"Bha na Japs air gach cliathaich, romhainn fad an t-siubhail…"
Bha Calum MacLeòid à Àird Àsaig, na Hearadh, a' sabaid an aghaidh Iapan tron Chogadh.

Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy