BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Toiseach a' Chogaidh
"Bha sinn glè thaingeil air àite sam bith…"
Bha Calum MacLeòid à Nis, Leòdhas, anns an Fhraing tron àm ris an cante a' Phoney War.
"'S e an Cider Platoon a bh'aca òirnn as deidh sin!"
Ged a bha spòrs aca corra uair, bha cunnart ann daonnan, mar a fhuair Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach à Paibil, Uibhist a Tuath, a-mach nuair a chaidh e tarsainn air a' Mhaginot Line, gàrradh-bacaidh mòr a bha ruith eadar crìochan na Frainge agus a' Ghearmailt.
"Thug mi dà chalman leam ann am basgaid…"
B' ann airson ionnsachadh mu rèidio a chaidh Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach às an Rubha, Leòdhas, do Fheachd an Adhair, ach cha b' fhada gus an robh e na fhear-iùil air bomairean.
"Bha cunnart ann fad an t-siubhail…"
B' ann na fhear-iùil air bomair a bha Calum Robasdan à Ceann Àrd, Uibhist a Tuath, nuair a ghabh e pàirt anns a' chiad ionnsaigh air a' Ghearmailt a rinn Feachd an Adhair ri solas an latha.
"Bha cùisean sàmhach an toiseach…cha robh coltas ùpraid ann…"
Cha do dh'fhuirich cùisean sàmhach do Dhòmhnall Iain MacCoinnich às an Rubha, Leòdhas. Bha e air soitheach a bha toirt shaighdearan à Dunkirk a Bhreatainn nuair a chaidh ionnsaigh mharbhtach a thoirt orra le itealan.
"Bha sinn eadar Dover agus Dunkirk trì tursan san latha…"
Bha Aonghas Greumach à Borgh, Leòdhas, air tè dhe na bàtaichean a shàbhail na mìltean de shaighdearan nuair a chaidh an cròdhadh chun a' chladaich aig Dunkirk.
"Cha robh biadh againn, no ammunition ach glè bheag…"
As dèidh dha a bhith am measg nan saighdearan a chùm an nàmhaid air ais airson na shàbhail aig Dunkirk a leigeil air falbh, chaidh Iain Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, e fhèin a ghlacadh.
"Thàinig an tanc Gearmailteach mu chuairt…"
Bha Ruairidh MacIlleathain à Grèinetobht agus Dòmhnall Ailean MacIlleathain à Ceann a' Bhàigh, Uibhist a Tuath air an glacadh leis an nàmhaid aig St Valery-en Caux.
"Thuirt iad rinn gu robh sinn air ar cuairteachadh…"
Dh' fheuch Murchadh MacCumhais à Solas, Uibhist a Tuath ri teiche bho na Gearmailtich, gun càil aige ach combaist agus gunna.

Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy