Dè an t-ainm a th’ ort?
Michelle NicDhòmhnaill
Cò an duine mu dheireadh ris an do bhruidhinn thu air a’ fòn?
Mo mhàthair!
Dè thuirt iad?
Madainn mhath, dè mar a tha cùisean? – dead exciting!
Dè bh’ anns an teachdaireachd teacsa mu dheireadh a fhuair thu?
Teacsa mu oidhche nan cearc aig aon de na caraidean agam.
Dè an ringtone a th’ agad?
Grounds For Divorce - Elbow
Dè an àireamh as fheàrr leat?
hmmm....4
Nam biodh cothrom agad coinneachadh le duine sam bith – beò no marbh – cò bhiodh ann?
Freddie Mercury oir tha mi gu math dèidheil air Queen agus cuideachd Julie Andrews oir ‘s e Sound Of Music am film as fheàrr leam!
Nan deigheadh film a dhèanamh mu do bheatha, cò an cleasaiche a chluicheadh am pàirt agad fhèin?
Julie Andrews?!
Am bi thu a’ seinn san fhrasair?
Bithidh, rud sam bith!
Dè am film as fheàrr leat?
Sound Of Music!
Am bi daoine a’ litreacheadh d’ ainm ceàrr?
Bithidh uaireannan
Am bi thu a’ dol craicte mu ghlainead agus rudan a bhith an òrdugh?
Feumaidh mi aideachadh g’ eil mi car OCD mu dheidhinn rudan a bhith san òrdugh ceart....
An robh thu a-riamh ann an Ameireagaidh- a-Deas no Afraga ?
Cha robh
A bheil comas fighe agad?
Gu ìre, chan eil mi ro mhath
An urrainn dhut poker a chluich?
Chan eil mi riamh air fheuchainn
Am bi thu a’ cur jewellery ort ?
Bithidh - tha tuilleadh ‘s a’ chòrr agam!
Cuin as fheàrr leat fras a ghabhail, sa mhadainn no feasgar?
Anns a’ mhadainn, bidh e gam dhùsgadh
Cia mheud taigh anns a bheil thu air a bhith fuireach?
Còig.
Dè an seòclaid as fheàrr leat?
‘B fheàrr leam seòclaid dorcha.
Na chuir thu a-riamh duine fo na h-amhach ?
Hmmm... ‘s dòcha ach chan eil cuimhne agam!
Dè an cuspair-sgoile nach eil/nach robh a’ còrdadh riut?
Maths – Bha mi gun fheum sam bith!
Cia mheud paidhir bhròg a th’ agad?
Chanadh cuid cus; chànainn nach eil gu leòr agam fhathast!!
A bheil clàr no òran Britney Spears agad?
Tha aonan, tha mi a’ smaoineachadh – math son dannsa
Na chuir thu a-riamh a-mach air beulaibh dhaoine?
Chuir sa bhun-sgoile. Aon turas chuir mi a-mach air ceann mo pheathar whoops!
Dè an soidhne Zodiac a th’ agad?
Aquarius
Dè an dath as fheàrr leat?
Uaine, ach chan eil fhios ‘am carson
Cia mheud uaireadear a th’ agad?
Tha mo mhàthair an-comhnaidh gan ceannachd son mo cho-là-breith ‘s na Nollaig mar sin mu ochd.
Cia mheud lampa a tha san t-seòmar-cadail agad?
Aonan
Dè a’ chiad peata a bh’ agad?
Cat ruadh
Dè am biadh as fheàrr leat son bracaist?
Cereal?!
Cuin a thuit thu mu dheireadh?
An-dè ‘s dòcha, bidh mi a’ tuiteam gu tric!
A bheil thu a-riamh air “mum" a ghabhail air do thidsear?
Cho fada ‘s aithne dhomh chan eil
A bheil far-ainm ort?
Shellags, no Shelly as trice.
An toil leat do ghruag/d’fhalt?
Uaireannan ‘s toil uaireannan eile tha a’ dol às a chiall!

Dè an t-ainm a th' ort?
Emma NicAonghais
Cò an duine mu dheireadh ris an do bhruidhinn thu air a' fòn?
Lauren Maitland
Dè thuirt iad?
Bha i ag innse dhomh gun d'fhuair i tiocaidean airson nan taighean dealbh dhuinn!
Dè bh' anns an teachdaireachd teacsa mu dheireadh a fhuair thu?
Lisa a' faighneachd dè bha sinn a' dol a dhèanamh airson dìnneir!
Dè an ringtone a th' agad?
Oasis, The Shock of Lighting
Dè an àireamh as fheàrr leat?
4
Nam biodh cothrom agad coinneachadh le duine sam bith- beò no marbh- cò bhiodh ann?
Michael McIntyre
Nan deigheadh film a dhèanamh mu do bheatha, cò an cleasaiche a chluicheadh am pàirt agad fhèin?
Tha Michelle dìreach air rannsachadh a dhèanamh air 'Short Actresses' ...Christina Ricci
Am bi thu a' seinn sa frasair?
Bithidh
Dè am film as fheàrr leat?
The Usual Suspects
Am bi daoine a' litreachadh d' ainm ceàrr
Cha bhi...
Am bi thu a' dol craicte mu ghlainead agus rudan a bhith an òrdugh?
Cha bhi...tha mi gu math messy!
An robh thu a-riamh ann an Ameireagaidh- a-Deas no Afraga?
Cha robh ach tha mi an dòchas gum bi!
A bheil comas fighe agad?
Beagan...chan eil mi ro mhath air!
An urrainn dhut poker a chluich?
'S urrainn
Am bi thu a' cur jewellery ort ?
Bidh, tòrr dheth cuideachd!
Cuin as fheàrr leat fras a ghabhail, sa mhadainn no feasgar?
Chiad char sa mhadainn!
Cia mheud taigh anns a bheil thu air a bhith fuireach?
4
Na chuir thu a-riamh duine fo na h-amhach?
Chuir!
Dè an cuspair-sgoile nach eil/nach robh a' còrdadh riut?
Maths!
Cia mheud paidhir bhròg a th' agad?
Mu 20.
A bheil clàr no òran Britney Spears agad?
Tha...tha ceithir agam!
Na chuir thu a-riamh a-mach air beulaibh dhaoine?
Chuir...
Dè an soidhne Zodiac a th' agad?
Taurus
Dè an dath as fheàrr leat?
Buidhe
Cia mheud uaireadair a th' agad?
Aon!
Cia mheud lampa a tha san t-seòmar-cadail agad?
Dhà
Dè a' chiad pheata a bh' agad?
Cù àlainn air an robh Goldie :-)
Dè am biadh as fheàrr leat son bracaist?
Scrambled eggs agus Tost
Cuin a thuit thu mu dheireadh?
An t-seachdain sa chaidh nuair a bha mi dannsa còmhla ri mo pheathraichean!!
A bheil thu a-riamh air "mum " a ghabhail air do thidsear?
Tha!
A bheil far-ainm ort?
Tha...Feusag!
An toil leat do ghruag/d' fhalt?
'S toigh!

Dè an t-ainm a th' ort?
Stephen MacLeòid.
Cò an duine mu dheireadh ris an do bhruidhinn thu air a' fòn?
Mo charaid Megan ann an Canada!
Dè thuirt iad?
Gun robh i ag ionndrainn Alba mu thràth.
Dè bh' anns an teachdaireachd teacsa mu dheireadh a fhuair thu?
Mo charaid Donna ag ràdh gun cuiridh i fòn thugam an-diugh.
Dè an ringtone a th' agad?
Mosquito Song le Queens of The Stone Age.
Dè an àireamh as fheàrr leat?
1
Nam biodh cothrom agad coinneachadh le duine sam bith- beò no marbh- cò bhiodh ann?
Ché Guevara.
Nan deigheadh film a dhèanamh mu do bheatha, cò an cleasaiche a chluicheadh am pàirt agad fhèin?
Hmm...James MacAvoy?
Am bi thu a' seinn san fhrasair?
Bithidh. Le mo ghuth àlainn!
Dè am film as fheàrr leat?
The Departed.
Am bi daoine a' litreachadh d' ainm ceàrr
Bithidh, gu tric!
Am bi thu a' dol craicte mu ghlainnead agus rudan a bhith an òrdugh?
Cha bhi. 'S mise am fear a bhios a' dèanamh mess!
An robh thu a-riamh ann an Ameireagaidh-a-Deas no Afraga?
Cha robh ach tha mi airson a dhol ann.
A bheil comas fighe agad?
Er...chan eil.
An urrainn dhut poker a chluich?
‘S e rìgh poker a th' annam.
Am bi thu a' cur jewellery ort?
Dìreach bracelet leathair.
Cuin as fheàrr leat fras a ghabhail, sa mhadainn no feasgar?
Anns a' mhadainn.
Cia mheud taigh anns a bheil thu air a bhith fuireach?
Àireamh craicte: 14!
Na chuir thu a-riamh duine fo na h-amhach?
Chuir, nuair a bha mi beag.
Dè an cuspair-sgoile nach eil/nach robh a' còrdadh riut?
Maths. Bha mi uabhasach fhèin dona air.
Cia mheud paidhir bhròg a th' agad?
Mu 3 no 4.
A bheil clàr no òran Britney Spears agad?
Chan eil agus tha mi toilichte mu dheidhinn!
Na chuir thu a-riamh a-mach air beulaibh dhaoine?
Chuir…mu dà sheachdain air ais…
Dè an soidhne Zodiac a th' agad?
Sagittarius.
Dè an dath as fheàrr leat?
Gorm.
Cia mheud uaireadair a th' agad?
Tha dhà agam, ach chan eil làmh mionaid air aon dhiubh.
Cia mheud lampa a tha san t-seòmar-cadail agad?
Dìreach aon!
Dè a' chiad pheata a bh' agad?
Tha mu 10 coin air a bhith agam agus aon radan!
Dè am biadh as fheàrr leat son bracaist?
Waffles le siorap orra.
Cuin a thuit thu mu dheireadh?
Aig an deireadh sheachdain.
A bheil thu a-riamh air "mum " a ghabhail air do thidsear?
Tha, nuair a bha mi 10!
A bheil far-ainm ort?
B' àbhaist “Sausage” a bhith orm. Tha na h-adhbharan ro chraicte airson seo…
An toil leat do ghruag/d' fhalt?
Cha toil an-dràsta. ‘S toil leam e fada.