BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


BBC Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
Inbhir Ionaid
Inbhir Ìonaid

[Comharradh-clèithe: NG 920 218]

Tha an t-ainm a' ciallachadh "beul na h-aibhne ruaidh" Thàinig e bho thùs bho Inbhir Dhuinnid. 'S e Leitir Choill a chanar ris an sgìre mun cuairt.

Tha Inbhir Ìonaid air taobh tuath Loch Dhubhthaich, faisg air ceann an loch, mu thrì mìle gu tuath air Drochaid Seile ann an Cinn Tàile. Aig aon àm b' e Cinn Tàile MhicCoinnich no Cinn Tàile MhicRath a chanadh iad ris an sgìre. 'S e Sàileach, no Tàileach a chanar ri cuideigin às an àite.

A rèir seanfhacal "Cho fad's a bhios monadh an Cinn Tàile, cha bhi MacCoinnich gun àl sa Chrò."

Inbhir Ìonaid
© John Ross

Walter Winans

Cùis-lagh a' Pheat' Uain

Rugadh Walter Winans ann an St Petersburg, anns an Ruis. B' ann às na Stàitean Aonaichte a bha a phàrantan agus bha beairteas mòr aca. Bha cliù aige mar shnaidheadair agus choisinn e buinn òir airson a sgil leis a' ghunna aig na Geamaichean Olimpiceach. Bha ùidh mhòr aige ann an eich agus sealg.

Walter Winans
© Wilfrid de Freitas, Montreal, Canada

Strath Chrò

Iain Mac Mhurchaidh

Rugadh Iain MacRath, no Bàrd Chinn-Tàile, faisg air Lianaisidh. Chaidh e fhèin 's a theaghlach a Charolina a Tuath ann an 1774 agus bha e a' sabaid ann an Cogadh na Saorsa an Ameireagaidh air taobh nan Dìleasach. Rinn e òrain air gach taobh den Chuan Shiar agus tha cuid dhiubh air an cluinntinn gu bitheanta fhathast.

Srath Chrò
© Richard Webb



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy