BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


BBC Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Srath Chrò
Iain MacMhurchaidh

Srath Chrò
© Richard Webb

Rugadh Iain MacRath, no Iain mac Mhurchaidh, ann am meadhan na h-ochdaimh linne deug, ann an Lianag a' Chùl Dòire, ri taobh Allt a' Chaisil ann an Cinn Tàile. Bhuineadh e do dh'uaislean Clann MhicRrath, agus rugadh a shin, shin seanair ann an Caisteal Eilean Donain, ann an 1580.

Chaidh Murchadh, athair Iain, a chrochadh ann an Inbir Nis, an dèidh Blàr Chùil-lodair, ann an 1746, ged a tha teagamh ann an robh e dha-rìribh a' toirt taice do na Seumasaich. Theirear gun do shearg a' chraobh air an deach a chrochadh agus nach do dh'fhàs duilleach tuilleadh orra.

A rèir beul-aithris agus na tha sgrìobhte mu dheidhinn bha meas mòr aig daoine air Iain mac Mhurchaidh oir bha e toilichte na dhòigh agus bha e làn spòrs is òrain agus bhiodh e an-còmhnaidh ri fhaicinn aig co-chruinneachaidhean san àite. Bha ùidh mhòr aige ann an sealg is iasgach cuideachd.

Bha an dàimh eadar uaislean na Gàidhealtachd agus an luchd-cinnidh ag atharrachadh aig an àm seo agus bha na cinn-cinnidh a' fàs gu math Gallda nan dòigh agus cha robh Iain mac Mhurchaidh a' faicinn gun tigeadh cùisean air ais mar a bha iad. Bha màil a' dol an-àird agus aon droch gheamhradh chaill e mòran de sprèidh.

Mar sin chuir e roimhe fàgail. Bha feadhainn dhen choimhearsnaich air an imrich a dhèanamh roimhe gu Carolina agus nuair a rinn e fhèin an-àird inntinn a dhol air an astar rinn e òrain a' moladh do dhaoine eile an dearbh rud a dhèanamh.

Aig an àm seo bha na h-Ameireaganaich a' fàs searbh de a bhith air an riaghladh le Breatann. Thòisich Cogadh na Saorsa goirid an dèidh do dh' Iain agus a chompanaich an dùthaich a ruigheachd agus ged a bha mac Mhurchaidh sgaiteach na dhàin mu na h-uachdarain shanntach air Ghàidhealtachd, chaidh e a dh'arm nan Dìleasach, air taobh a' Chrùin, agus bha e fhèin agus a mhac Murchadh anns an Royal Highland Emigrant Regiment.

Bhathar a' smaoineachadh gun robh leithid de bhuaidh aige air na Gàidheil ann an Carolina le na dàin a rinn e 's gun deach dèileigeadh gu math cruaidh ri Iain mac Mhurchaidh nuair a chaidh a ghlacadh an dèidh Blàr Moore's Creek air 27mh Gearran. 1776. B' fheudar do dh' Iain teicheadh an dèidh a' bhlàir ach fhuair na h-Ameireaganaich grèim air. Tha sgeulachd o bheul-aithris ag innse gun do dh' fhuiling e bàs air leth oillteil an dèidh do na h-Ameireaganaich a ghlacadh.


Tha òrain Iain mhic Mhurchaidh, leithid Dèan Cadalan Sàmhach air an seinn agus air an clàradh gu bitheanta an-diugh.




Èist

Èist ri sgeulachd mu athair Iain 's an dòigh anns an d' fhuair e bàs.



Èist

Èist ri aon de na h-òrain a sgrìobh Iain Mac Mhurchaidh - Dèan Cadalan Sàmhach le Kenna Chaimbeul.



air ais


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy