BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


BBC Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Gearastan Deòrsa
Gearastan Deòrsa

© Colin Smith



Tha Gearastan Deòrsa, daingneach cho mòr 's a tha am Breatainn, faisg air Àird nan Saor, mu 11 mìle an ear air Inbhir Nis. Chaidh a thogail san 18mh linn mar ghearastan do shaighdearan an riaghaltais a bha a' geàrd na Gàidhealtachd an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.

Chaidh a' chiad ghearastan Deòrsa a thogail ann an Inbhir Nis, air cnoc ri taobh Abhainn Nis, sa bhliadhna 1727. B' e gearastan mòr a bha seo; chumadh e 400 saighdear.

Ghèill a' chiad ghearastan do na Seumasaich an dèidh dhaibh mèinnean a chur fodha. Spreadh na mèinnean mus robh dùil, a' milleadh a' ghearastain agus a' marbhadh mòran de na h-oifigearan Seumasach.

Bha dùil an gearastan ùr a thogail air an t-seann làraich, ach bha Comhairle na Gàidhealtachd an dùil gu robh iad airidh air airgead airson milleadh a rinnear air a' chaladh. B' ann aig an ìre seo a chaidh làrach faisg air Àird nan Saor a thaghadh.

Le caladh aig bonn nam ballachan, dh'fhaodadh bathar a thoirt don ghearastan ùr thar na mara. Thòisichear ag obair air sa bhliadhna 1748, le 1000 saighdear a' togail 's a' dìon na làraich bho nàimhdean; bha e deiseil sa bhliadhna 1769.

Le faisg air mìle de bhalla-dìon mu thimcheall air, bha an gearastan air a chleachdadh mar dhachaigh do na rèiseamaidean Gàidhealach.

Cha deach ionnsaigh a-riamh a thoirt air Gearastan Deòrsa, agus ged a tha e fhathast air a chleachdadh mar dhachaigh do shaighdearan, tha e cuideachd fosgailte do luchd-tadhail aig a bheil ùidh ann an eachdraidh is dòigh-beatha an airm.

 

air ais


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy