BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


BBC Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Càrn-cuimhne do Bhlàr Sliabh an t-Siorraim
Blàr Sliabh an t-Siorraim

Càrn-cuimhne
© Paul Thomson, Midcalder

Bha Gàidheil na h-Alba a’ caoidh fògradh Rìgh Seumas II, agus nuair a bhàsaich a’ Bhànrigh Anna bha iad an dòchas gum faigheadh iad cothrom air Seumas Eideart, mac Sheumais II, a chrùnadh mar rìgh. Ach nuair a chaidh Rìgh Deòrsa I a ghairm mar rìgh air Breatainn ann an 1714, fhuair iad briseadh dùil. Bha cùisean gu math troimh-chèile air feadh na dùthcha, agus cuid den bheachd gun robh cùisean air a dhol na bu mhiosa buileach dhaibh bho dh' aon nam pàrlamaidean ann an 1707.

Air an 6mh Sultain 1715 chaidh bratach rìoghail nan Stiùbhartach a thogail ann am Baile a' Chaisteil ann am Bràigh Mhàr. B' e Iain, Diùc Mhàir, an ceannard agus cha b'fhada gus an robh feachd de 15,000 aige air an cruinneachadh ann am Peairt.

Chaidh Diùc Earra-Ghàidheil a chur air ceann feachd an riaghaltais agus chruinnich 4,000 dhiubh aig Sruighlea. B' e Goill a bh' anns a’ mhòr-chuid agus ged a bha eòlas-cogaidh aca bha iad air uimhir a chluinntinn mu na "Gàidheil bhorba" agus gun robh eagal orra a' dol nan coinneamh. Nuair a chuala Earra-Ghàidheal gun robh Màr a' tighinn, chuir e arm ann an òrdugh aig Sliabh an t-Siorraim faisg air Dùn Bhlàthain. Tha cunntas ag innse gur e 8,000 duine a bh' aig Màr agus 3,500 aig Earra-Ghàidheal.

Sliabh an t-SiorramA rèir eachdraidh, b' e bùrach dha-rìribh a bh' anns a' bhatal. Cha deach òrdugh no eòlas-cogaidh sam bith a chleachdadh oir thàinig an dà fheachd air a chèile, gun fhios. Thòisich na Gàidheil le na musgaidean, ach an uair sin thilg iad bhuapa iad agus thug iad gu sabaid le claidheamhan. Fhuair iad air pàirt de fheachd Earra-Ghàidheil a ruagadh gu Dùn Bhlàthain.

Ach fhad 's a bha seo a' tachairt bha Earra-Ghàidheal air teiche a chur air pàirt de fheachd Mhàir. Bha Sliabh an t-Siorraim falamh ach a-mhàin na leòintich 's na mairbh. Ged nach do mhair am blàr ach ùine ghoirid, bha call mòr ann - chaill Earra-Ghàidheal 600 agus Màr 800.

Sliabh an t-Siorram
© Richard Webb



Èist

Cha b’ e Blàr Sliabh an t-Siorraim an aon strì a bh’ aig Ruairidh an Àigh na bheatha.




air ais


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy