
Call Ghàdhaig
Làrach dachaigh an t-Oifigear Dubh ann am Baile a' Chròthain faisg air Gàdhaig.
Rugadh an Caiptean Iain Mac a' Phearsain, an t-Oifigear Dubh, sa bhliadhna 1724 ann an Gleann Truim. Ghabh e dhan arm far an do ràinig e ìre caiptein.
Nuair a leig e seachad a dhreuchd rinn e a dhachaigh ann am Baile a' Chròthain. An sin rinn e obair leasachaidh air taigh, a' cleachdadh clach a thàinig bhon t-seann eaglais ann an Ceann a' Ghiuthsaich. Cha do chòrd seo ri muinntir na sgìre idir, le cuid ag ràdh gur e airchealladh a bh' ann. Bha an t-Oifigear Dubh fhathast ag obair a' trusadh fir òga dhan arm ach a rèir choltais b' ann ann an dòighean carach a bhiodh e ga fastadh. Choisinn e droch chliù dha fhèin chun na h-ìre 's gu robh cuid de mhuinntir na sgìre den bheachd gun robh ceangal aige ris an donas.
Faisg air Baile a' Chròthain tha gleann fosgailte, cunnartach ris an canar Gàdhaig. San Fhaoilleach 1800 dh'fhalbh Mac a' Phearsain agus ceathrar chompanach a shealg. An oidhche sin bha stoirm uabhasach ann agus chaidh iad ri fasgadh ann am bothan dìonach. As dèidh trì là bha na fireannaich fhathast gun tilleadh 's chaidh sgioba gan siubhal. Nuair a ràinig luchd-teasairginn Gàdhaig lorg iad am bothan tiodhlaichte fo shneachda. Chladhaich iad an làrach agus lorg iad corp Mhic a' Phearsain agus triùir de chompanaich. Cha deach corp an còigeamh neach a lorg gu mìosan às dèidh sin nuair a thàinig aiteamh. Gu h-annasach bha e astar bho na cuirp eile.
Bha cuid den bheachd gur e spiorad olc a bu choireach ris an tubaist agus bha cuid ag ràdh gur e breitheanas a thàinig air an Oifigear Dhubh. Cha robh a h-uile duine dhen aon bheachd idir oir bha cuid eile a' cumail a-mach gur e maoim-sneachda a dh'adhbhraich an call beatha.
Ge bith dè an fhìrinn a thaobh Call Ghàdhaig, tha cuid fhathast cinnteach gur e àite os-nàdarrach, cunnartach, a th' ann an Gàdhaig.