BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


BBC Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Seumas Greumach
Alasdair MacColla

Seumas Greumach, Marcas Mhontròis, 1612-1659. Bha e os cionn nam feachdan Gàidhealach agus Èireannach an aghaidh nan Cùmhnantach ann an 1644/45.
© Scottish National Portrait Gallery

Nuair a bha Alasdair MacColla (no MacDhòmhnaill) na bhalach òg bha na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich aig uganan a chèile. Bha iad air a bhith a' strì bho chionn fhada mu dheidhinn còirichean fearainn agus mu cò aige a bhiodh làmh an uachdair anns an sgìre.

Rinn MacColla ainm dha fhèin an toiseach anns an t-srì ris an canar Cogadh nan Trì Rìoghachdan. Bha na Dòmhnallaich air taobh nan Rìoghairean an aghaidh nan Cùmhnantach, a bha faighinn taic bho na Caimbeulaich.

Ann an 1644 bha MacColla os cionn na h-ionnsaigh a thug na Rìoghairean an aghaidh nan Cùmhnantach ann an Alba. Bha smachd aige air mu 1500-2000 duine, a' mhòr chuid dhiubh à Ulaidh. Aig an àm seo choinnich MacColla ri Seumas Greumach, Marcas Mhontròis, a bha cuideachd a' toirt taic do na Rìoghairean. Ann an Cogadh Sìobhalta na h-Alba fhuair Montròs agus MacColla buaidh aig Tippermuir, Obar Dheathain, Inbhir Lòchaidh, Allt Èireann, Athfort agus Cill Saidhe.

Nuair a ghluais e an aghaidh nan Caimbeulach ann an Earra-Ghàidheal rinn na daoine aig MacColla sgrios uabhasach air na sìobhaltaich ann an dùthaich nan Caimbeulach. Chuir MacColla às do gach duine a dh'fhaodadh a bhith comasach seasamh na aghaidh, co dhiù a bha iad fo armachd gus nach robh. Air an adhbhar seo thugadh dha am far-ainm "Fear Tollaidh nan Taighean"

Air sgàth na rinn a mhac ann an dùthaich nan Caimbeulach chaidh athair MhicColla, a bha na phrìosanach aca, a chur gu bàs. Thug MacColla Èirinn air agus chaidh e an lùib nan Co-Cheangalach Èireannach ann an 1647. Chaidh na saighdearan aige a sgapadh eadar feachdan Laighin is Mhumain, le MacColla fhèin an lùib arm Laighin. Chaidh a' mhòr chuid de na saighdearan aige a mharbhadh aig Blàr Chnoc Dhungain agus Blar Chocannuas, far an deach MacColla fhèin a ghabhail mar phrìosanach. Chaidh a chur gu bàs le saighdearan Sasannach an dèidh sin.

B' e saighdear sònraichte a bha ann agus bha comas air leth aige a chuid shaighdearan a chur ann an òrdugh cogaidh airson làmh an uachdair fhaighinn air a' nàmhaid. Canar gur e esan a' chiad fhear a chuir saighdearan an aghaidh a' namhaid leis an ionnsaigh- cogaidh Ghàidhealaich.

Tha cuimhne air Alasdair MacColla ann am bàrdachd is òrain, gu h-àraidh anns a' bhàrdachd aig Iain Dòmhnallach (Iain Lòm )- "Òran do Alasdair MacColla".

Alasdair nan Geurlann Sgaiteach,
Gheall thu 'n-dè a bhith cur às daibh;
Chuir thu 'n retreut seach an caisteal,
Seòladh glè mhath air an leantainn.


Alasdair nan geurlann guineach,
Nam biodh agad àrmainn Mhuile,
Thug thu air na dh' fhalbh dhiubh fuireach,
'S retreut air pràbar an duilisg.

Alasdair mhic Cholla Ghasta,
Làmh dheas a sgoltadh nan caisteal,
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa
'S ma dh'òl iad càl chuir thu àst' e.


Èist

Èist ri òran eile mu Alasdair MacColla le Marie NicMhathain.


air ais


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy