Control File Not Found::/scotland/alba/stuthsporsail/control/10.sssi
BBC - Radio Nan Gaidheal - Am Bàrd Bochd
BBC HomeExplore the BBC

DICIADAIN
2 Dùbhlachd 2009
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Alba - BBC Craoladh nan Gaidheal Radio Nan Gaidheal 103.5-105 FM.  Èist beò
Radio Nan Gaidheal Far an àidhear

BBC Homepage
Scotland Home

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Am Bàrd Bochd

 

Tormod Macleòid

Thoir an aire sibhse leughas
Obair a’ Bhàird Bhochd na rabhd
Rinneadh bàrdachd na bu ghleusta,
Mar chì sibh fhèin mun ruig sibh ceann.
Oir chan eil briath’r no beachd nach tuig sibh;
Doimhne smuain, no gluasad cridh,
Mòrachd nàdair, cràidh an duine,
Ailleachd bheus – iad uile dhìth.
Cha toir sibh sgrìob le iongn’ air ciabhaig,
Le tulchais smuain nì eanchainn tinn;
Eiridh sibh mar shuidh sibh sìos riu,
Olc no math cha tog sibh leibh.
Innsidh am bàrd bochd gu sìmplidh
Dheagh-ghean èibhinn ‘n cainnt a shinnsir.



 

Eachdraidh Beatha
Tidsear, bàrd, sgrìobhadair, fear-cruinneachaidh òrain, fear-gleidhidh dualchais agus Sòisealach 's sàr Ghàidheal gu smior - sin Tormod Macleòid ann an dhà no trì fhacail. Leugh tuilleadh.

Tormod agus Mòr
Am Bàrd Bochd
Cò a bh’ anns a’ Bhàrd Bhochd? Duine iriosal nach robh ag iarraidh aithne no cliù air dhòigh sam bith, ach a bha gu math airidh air. Cluinnear an seo bho dhaoine a bha uile eòlach air Tormod.
Tormod Macleòid

 

Dìleab a' Bhàird Bhochd
 
Neamhnaidean Niseach
Rinn Tormod obair mhòr a' cruinneachadh òrain agus bàrdachd Ghàidhlig, gu h-àraidh ann an sgìre Nis, far an robh e a' teagasg mu dheireadh. Èist ri taghadh dhiubh.
Seann Sgoil Lionail
Stòras Shrainnsearan
B’ ann nuair a bha e ann an sgìre Nis a fhuair Tormod an t-inneal-clàraidh, agus a bharrachd air muinntir Nis, chlàir e cuideachd srainnsearan a bha a’ fuireach san sgìre. Èist ri taghadh dhiubh.
Tormod Macleòid
Ulaidh Ùigeach
Bha Tormod ochd bliadhna na Mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Loch Chroistein ann an Uig, agus chùm e an càirdeas an-àirde ri na h-Ùigich fad a bheatha. Èist ri taghadh dhiubh.
Loch Croistean
Bannal Bana-Bharrach
Tha Mairead NicNèill moiteil gun do chòrd òrain Bharraigh ris a’ Bhàrd Bhochd, agus gun do ghlèidh e teipichean dhiubh fad nam bliadhnachan. Èist ri taghadh dhiubh.
Tormod agus Charlie
Foghlam
Bha Tormod na thidsear ann an sgoiltean air feadh Leòdhais faisg air dà fhichead bliadhna. Cluinnear an seo mu na dòighean teagaisg a bh' aig Tormod.
Luchd-teagasg
Dealbhan
Thoir sùil air taghadh de dhealbhan bho bheatha Thormoid. Chithear gaileiridhean a tha a' buntainn ri beatha Thormoid, an sgoil, obair ealain, luchd-eòlaich agus sgrìobhaidhean Thormoid.
Tormod agus Calum C Mac a' Mhaoilein

 

 

Do Bheachd
A bheil cuimhneachain no fios agad mu Am Bàrd Bochd no obair? Cuir fios thugainn an seo.

 


Èist a-rithist


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy