http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

12 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 11:02 BST

Tuilleadh thrioblaidean le siostam uisge Uibhist a Tuath

Nochd an tuilleadh ghearanan mu shiostam an uisge ann an Uibhist a Tuath.

Cha robh uisge aig sgìre Sholais fad an là Diluain, a' leantainn air trioblaidean le uisge san sgire thairis air na trì mìosan mu dheireadh.

Bha sin a' tighinn as dèidh gearanan eile bho mhuinntir Uibhist a Tuath an-uiridh mun t-seirbheis uisge a tha iad a' faighinn.

Tha Uisge na h-Alba an dùil coinneamhan a chumail air an eilean aig deireadh na mìos gus am faigh daoine air ceistean fhaighneachd mun obair-leasachaidh a tha iad a' dèanamh.

Beachdan

Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Ùisdean Robasdan, ag iarraidh air daoine a dhol chun na coinneamhan is na beachdan aca a thogail.

Thuirt e gu bheil dragh air mun dòigh san deach gnothaichean a làimhsicheadh thuige seo is beachd ann nach deach na gearanan uile a rinn daoine a chlàradh.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad mothachail gu bheil trioblaidean air a bhith an Uibhist a Tuath bho chionn ghoirid agus gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson gnothaichean a chur ceart.

Thuirt iad gu bheil iad an-drasta a cuir pìoban ùra an-sàs sa sgìre ann an àitean far a bheil feadhainn air fàs sean, 's gun lean an obair sin.