http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

12 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 08:49 BST

Aiseag an t-Stròim (Aiseag)

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun tòisich seirbheis-aiseig aig an t-Sròm Diluain agus an A890 fhathast dùinte eadar Loch Carran agus an Caol.

Tha a' chomhairle ag ràdh gum bi an rathad dùinte co-dhuibh mìos eile.

Bidh aiseag son luchd-coiseachd a-mhàin, an Sula Mhòr, agus aiseag Ghleann Eilge a' dol eadar Sròm Carranach agus Port an t-Sròim.

Tha àite ann son 61 neach air Sula Mhòr.

Gabhaidh aiseag Ghleann Eilge sia càraichean agus 12 neach.

Sgoilearan

Bidh a' chiad seòladh den là ann son sgoilearan Àrd-Sgoil a' Phluic a-mhàin.

Tron là thèid prìomhachas a thoirt dha na seirbheisean-eiginn, buidhnean is companaidhan ionadail agus muinntir an àite.

Cha cosg e dad na seirbheisean a chleachdadh agus bidh busaichean a' frithealadh nam bàtaichean.

Thèid clàr-ama fhoillseachadh Dihaoine.

Dh'iarr a' chomhairle air daoine a tha a' tighinn bho nas fhaide air falbh cumail orra a' cleachadh nan slighean eile air an A82 agus an A87.

Dhearbh a' chomhairle cuideachd gu bheil iad a' còmradh ri Network Rail a thaobh an loidhne-rèile a chur gu feum airson càraichean - ach thuirt iad gun toir e suas ri mìos am plana sin a chur an gnìomh.