http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

12 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 14:10 BST

Ceistean mu Shionnach Cholbhasa

Nochd ceist ann an Colbhasa air ciamar a thàinig sionnach marbh gu bhith san eilean.

Chan eil sionnaich ann an Colbhasa.

Chaidh a' chlosach a lorg ann an Sgalasaig le feadhainn a bha a' sgrùdadh an deach stèisean-smàlaidh an eilein a mhilleadh le droch shìde.

Chan eil fios aig duine ciamar a thàinig sionnach a bhith ann an Colbhasa.

Thuirt Oifigear an RSPB son Cholbhasa is Orasa, Mike Peacock, gur e suidheachadh neònach dha-rìribh a th'ann.

"Math dh'fhaodte gun d'thàinig e an seo ann an làraidh an sgudail.

"Tha mise den bheachd ge-tà gun d'thug cuideiginn a' chlosach an seo mar fealla-dhà", thuirt e.

Dh'aidich Mgr Peacock ge-tà nach robh fianais sam bith aige gur e sin a thachair.