11 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 08:57 BST
Dh'iarr Uisge na h-Alba is NHS na Gàidhealtachd air 400 dachaidh air iomall Stẹrnabhaigh an t-uisge aca a ghoil mus ̣l iad e.
Sgàin ṕob uisge anns a' bhaile mu 1600 Dimàirt, a' ciallachadh gun do chaill cuid an t-uisge aca uile gu lèir.
Chaidh luchd-obrach bho Uisge na h-Alba gus a' ph́ob a chàradh, ach mhothaich iad gun robh i faisg air ṕob ̣itreachais a bha air a milleadh.
Chaidh na ṕoban a chàradh ach thathas ag innse do dhaoine an t-uisge a ghoil mus ̣l iad e.
Chuir Uisge na h-Alba bileagan fiosrachaidh dha na dachaidhean air a bheil an gnothach a' toirt buaidh oidhche Mhàirt.
Tha iad a-nise a' dèanamh deuchainnean air an uisge agus sgaoilidh iad fiosrachadh a bharrachd Diardaoin.
Seo na sǵrean air a bheil an gnothach a' toirt buaidh;
Rathad nam Bèicearan (Newmarket) - HS2 0EA
Beinn na Saighde (Newmarket) - HS2 0DZ
Newvalley - (bho 37b gu ruige Beinn na Dṛbh) 1 to 74 - HS2 0DW, 0DN, 0DH,
Beinn na Dṛbh - HS2 0DL
Marybank - HS2 0DF, 0DD
Maryhill - HS2 0DJ, 0DG
Moor Cottages - HS2 0DE