11 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 11:23 BST
Nochd ceist mun dòigh sa bhios na h-Eileanan an Iar air an riochdachadh air Coimisean ùr na Croitearachd.
Tha Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhairt Stevenson, mar tha air triùir a thaghadh dhan choimisean ùr, a thòisicheas obair sa Ghiblean am bliadhna.
'S iad Susan Walker agus Uilleam Swan, a tha fuireach san Eilean Sgitheanach, agus Sandy Cross, a tha a' fuireach ann an Dùn Eideann agus ann an Sealtainn.
Thèid bhòt a chumail sa Mhàirt son sianar eile a thaghadh.
Bidh aon riochdaire a' tighinn bho gach sgìre mar a leanas;
Sealtainn
Arcaibh is Gallaibh
Taobh Sear na Gàidhealtachd
Na h-Eileanan an Iar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
Iar Deas na Gàidhealtachd.
Cha bhi ge-tà riochdaire fa leth ann son gach sgìre - mar a bh'ann cheanna - is an obair son nan sgìrean air fad gu bhith air an roinn eadar na riochdairean gu lèir.
Iomagain
Tha an gnothach air iomagain a chur air Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Ailig Dòmhnallach, a tha na chroitear ann an Leòdhas.
Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil còrr air trian de chroitearan na dùtcha a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar, is thog e ceist carson nach deach duine às an sgire a thaghadh leis a' mhinistear.
"Tha sin a' dèanamh uallach dhomhsa - chanainn-sa gum bu chòir aon duine no eadhon dithis às na h-Eileanan an Iar a bhith air a' bhuidhinn seo", thuirt e.
A-rèir Mhgr Dhòmhnallaich tha cunnart ann gum bi cus obrach ann dha na coimiseanairean.
"Chuir mise a dh'iarradh na pàipearan agus a' cheart cho luath sa chunnaic mi an t-uallach a bha gu bhith ann, reub mi an àird iad.
"Cha dèanainn-sa seo air mo nàmhaid gun luaidh air mo charaid - an t-uallach a thathas ag iarraidh air daoine a dhèanamh ", thuirt e.
Thuirt Stiùbhart Stevenson gu bheil an riaghaltas airson is gum bi cothrom aig croitearan fhèin co-dhùnaidhean mòra mu chroitearachd a ghabhail agus gu bheil an taghadh na cheum a dh'ionnsaigh sin.
Thuirt e gu bheil riaghaladair èifeachdach fìor chudromach do chroitearachd.