http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

11 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 15:37 BST

Cead airson dachaidhean-cùraim ùra

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a' chompanaidh Parklands Highlands Earranta a thaghadh airson dà dhachaidh-cùraim a thogail anns an sgìre.

Thèid goireas ùr a thogail ann am Baile Dhubhthaich agus fear eile anns a' Bhlàr Dhubh.

Thathas an dùil gum bi na dachaidhean ùra deiseil airson àm an Fhoghair an ath-bhliadhna.

Bidh 34 seòmraichean-leabaidh sna dachaidhean le cothrom an leudachadh gu 40 seòmar san àm ri teachd.

Bidh Parklands Highlands Earranta a' gabhail nan dachaidhean a th'aig a' chomhairle ann am Baile Dhubhthaich agus am Blàr Dubh an-drasta air màl bho shamhradh am bliadhna.

Cùmhnant

Mairidh a' chùmhnant sin gus am bidh na dachaidhean ùra deiseil.

Gluasaidh an luchd-obrach anns na dachaidhean gu Parklands anns an t-samhradh am bliadhna cuideachd.

Tha a' chompanaidh na pàirt de Pharklands Earranta, Buckie.

'S ann leotha a tha sia dachaidhean-cùraim ann am Moreibh agus air a' Ghàidhealtachd.

'S iad a' chompanaidh Robertsons a thogas na dachaidhean ùra airson Parklands.