http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

11 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 11:19 BST

Pònaidh san fhàrdaich

Tha boireannach à Leòdhas a' cumail làir na dachaigh is i ag ràdh nach fhaigheadh i stàball air a son.

Ghluais Stephanie Noble, 65, Grey Lady Too a-steach dhan taigh aice air a' Bhac an latha ron Nollaig.

Rinn i leabaidh dhan phònaidh le "cat litter", feur agus plaideachan.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu faod i na thogras i a dhèanamh na dachaigh fhèin - ach nach moladh iad do dhuine pònaidh a chumail ann an taigh.

Thuirt Stephanie Noble gun cuireadh i ailbhean na dachaigh nan togradh i agus gu bheil daoine a' gearain dìreach seach gu bheil an suidheachadh aice "neo-àbhaisteach".

Tha i ag ràdh gu bheil Grey Lady Too air a dòigh leis an àite-fuirich aice.

Bidh i a' dol a-mach dhan ghàradh, thuirt i, ach tha i cho sona sa ghabhas am broinn an taighe.