10 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 15:34 BST
Tha Poilis a Chinn a Tuath air duine a fhuaireadh marbh ri taobh rathad an Uibhist a Deas ainmeachadh mar Eardsaidh Steele, 49, a Bòirnis.
Fhuair iad fios madainn Dimàirt gun robh corp ri taobh rathad an A865 san Àird Mhòir, eadar an Càrnan agus an t-Ìochdar.
Thuirt na poilis gu bheil iad a' creidsinn gun do chaochail Mgr Steele as dèidh do chàr bualadh ann.
Tha dràibhear a' chàir gan cuideachadh leis an rannsachadh aca.
Chaidh an rathad a dhùnadh Dimàirt agus slighean eile gan comharrachadh do dhràibhearan, ach dh'fhosgail e a-rithist feasgar Diciadain.