BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air:
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Luchd-bathair Leòdhais a' gearain
 
Thuirt luchd-bathair ann an Leòdhas gun deach innse dhaibh gun tèid na faraidhean aiseag aca an àirde 120% bhon Ghiblean.

Fiùs le lùghdachadh airson a bhith a' siubhal tric, tha iad ag ràdh gum biodh an t-àrdachadh a' ciallachadh gun cosgadh e còrr air mìle not artaic a chur eadar Steòrnabhagh agus tìr-mòr dà thuras.

Tha an luchd-bathair ag ràdh gun cuireadh an suidheachadh bùithtean Steòrnabhaigh ann an cunnart.

Thuirt am fear-gnothaich Dàibhidh Wood gun deigheadh an luchd-bathair a choireachadh ged a 's e an riaghaltas a bhiodh ag àrdachadh phrìsean.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil mothachadh sam bith aca de dh'àrdachadh ga leithid, agus gun tèid a' chùis a dheasbad aig coinneamh ann an Steòrnabhagh Diluain an 17mh den Fhaoilleach.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy