BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 12 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 11:41 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 12mh am Faoilleach 2012
 

Referendum

Thug Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann Lamont, an aghaidh air Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, mu phlanaichean airson referendum air neo-eisimileachd. Ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, thuirt i gu bheil dàil sa bhòt dona do dh'Alba. Thuirt Mgr Salmond, a tha airson a bhòt a chumail anns an t-Fhoghar ann an 2014, gu bheil na Làbaraich a' sìor atharrachadh am beachd bho a bhith an aghaidh referendum an toiseach gu bhith ga iarraidh a-nise air a' chiad chothrom.

Gas

Dh'innis British Gas gu bheil iad a' gearradh 5% far prìs an dealain aca bho an-diugh. An-dè ghearr EDF 5% far pris a' ghas acasan agus tha Rùnaire a' Chumachd, Chris Huhne, ag iarraidh air na companaidhean cumhachd eile an dearbh rud a dhèanamh.

RBS

Tha Banca Rìoghail na h-Alba a' gearradh mu 3500 cosnadh thairis air an ath-thrì bliadhna. 'S ann leis an stàit a tha 84% den bhanca, a tha stèidhichte ann an Dùn Eideann. Thèid a' mhòr-chuid de na gearraidhean a chur an-sàs ann an roinnean tasgaidh a' bhanca ann an Lunnainn agus ann an Àisia.

Tesco

Dh'innis Tesco nach robh am prothaid cho math sa bha dùil aca aig àm na Nollaige. Thuirt a' bhuidheann gu bheil e follaiseach gu bheil daoine faiceallach len cuid airgid ach dh'aidich iad cuideachd gun do rinn iad fhèin mearachdan le cuid den t-sanasachd agus na a h-iomairtean reic aca.

Tubaist

Tha polais den bheachd gur e càr a bhual anns an duine a chaidh a mharbhadh ann an Uibhist a Deas na bu traithe air an t-seachdain. Chaidh corp Eardsaidh Steele à Boirnis, a bha 49, fhaighinn ri taobh an rathaid eadar an Càrnan agus an t-Ìochdar. Thuirt na poilis gu bheil dràibhear a' chàir gan cuideachadh leis an rannsachadh.

Diùra

Tha pàrantan ann an Eilean Dhiùra a' maoigheadh gun cum iad an cuid cloinne far na sgoile gus an càraich Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid tuill sa rathad air am bi iad a' siubhail airson a dhèanamh nas sàbhailte. Thuirt pàrantan gun do ghearain iad iomadh turus ris a' chòmhairle mu dhroch staid an rathaid eadar Inbhir Lusa agus Taigh na Creige.

Spòrs

Ann am Prìomh Liog Shasainn ghluais Spurs suas dhan darna àite, air an aon àireamh phuingean ri Manchester United, an dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Everton 2-0 aig White Hart Lane. Tha an dà sgioba sin trì puingean air dheireadh air Manchester City a th'aig mullach na lìog.

Agus tha là mòr ro gholfair às Inbhir Nis, Russell Knox, agus esan a' cluich air turus PGA nan Stàitean Aonaichte airson a' chiad uair an-diugh aig an Open ann an Hawaii.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 11mh am Faoilleach 2012
11 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 10mh am Faoilleach 2012
10 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 09mh am Faoilleach 2012
09 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 11:00m 06mh am Faoilleach 2012
06 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy