|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Cead airson dachaidhean-cùraim ùra
|
||||||||||||||||||||||
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a' chompanaidh Parklands Highlands Earranta a thaghadh airson dà dhachaidh-cùraim a thogail
anns an sgìre.
Thèid goireas ùr a thogail ann am Baile Dhubhthaich agus fear eile anns a' Bhlàr Dhubh. Thathas an dùil gum bi na dachaidhean ùra deiseil airson àm an Fhoghair an ath-bhliadhna. Bidh 34 seòmraichean-leabaidh sna dachaidhean le cothrom an leudachadh gu 40 seòmar san àm ri teachd. Bidh Parklands Highlands Earranta a' gabhail nan dachaidhean a th'aig a' chomhairle ann am Baile Dhubhthaich agus am Blàr Dubh an-drasta air màl bho shamhradh am bliadhna. Cùmhnant Mairidh a' chùmhnant sin gus am bidh na dachaidhean ùra deiseil. Gluasaidh an luchd-obrach anns na dachaidhean gu Parklands anns an t-samhradh am bliadhna cuideachd. Tha a' chompanaidh na pàirt de Pharklands Earranta, Buckie. 'S ann leotha a tha sia dachaidhean-cùraim ann am Moreibh agus air a' Ghàidhealtachd. 'S iad a' chompanaidh Robertsons a thogas na dachaidhean ùra airson Parklands. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||