BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 11 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 12:14 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 11mh am Faoilleach 2012
 

Referendum

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ag ràdh gu bheil an t-ughdarras aig Pàrlamaid na h-Alba referendum a chumail air neo-eisimeileachd. Tha Mgr Salmond airson gum bi a' bhòt sin ann san t-Fhoghar ann an 2014, ach tha Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte ag ràdh gum bu chòir dha a bhith ann nas traithe na sin agus gur ann le cead bho Westminster. Tha Mgr Salmond a' fàgail air Mgr Camshron gu bheil e coltach ri Mairead Thatcher san dòigh sa bheil e den bheachd gu bheil fhios aig Lunnainn de as fheàrr do dh'Alba.

Cumhachd

Tha EDF Energy a' gearradh 5% far prìs a' gas aca bhon ath-mhìos. Chuir a' chompanaidh 15% ri prìs a' ghas san t-Samhainn. Agus thuirt a' bhuidheann Which? an-diugh gun robh ceithir muillion gearain ann an-uiridh mu na sia companaidhean cumhachd mòra. Tha Which? ag ràdh gu bheil mòran dhaoine a' call cothrom air airgead air a bheil iad airidh leis nach eil iad a' toirt ghearainean gu ombudsman a' chumhachd.

Eirinn a Tuath

Chuir poilis ann an Contae Aontraim dithis dhaoine an grèim co-cheangailte ri bàs oifigear polais air an deach losgadh le gunna aig meirle banca bho faisg air dà fhichead bliadhna. Chaidh an t-Inspeactor Bill Elliott a mharbhadh nuair a chaidh poilis a ghairm gu meirle aig banca ann an ceann a tuath Bheal Feairste ann an 1974.

Iran

Tha Iran ag ràdh gur e na Stàitean Aonaichte agus Israel a bha air cùlaibh bàs eòlaiche niucleasach a chaidh a mharbhadh ann an spreadhadh ann an Tehran. Chaidh boma a chur an ceangal ris a' chàr aig Mostafa Ahmadi Roshan a bha ag obair aig ionad uranium aig Natanz mu 200 mìle deas air Tehran.

Uibhist a Deas

Tha poilis fhathast a' rannsachadh bàs duine ann an Uibhist a Deas. Chaidh corp an duine, a bha 49, fhaighinn ri oir an rathaid eadar Càrnan agus an t-Ìochdar sa mhadainn an-de. Tha na poilis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a bha sa sgìre sin eadar oidhche Luain agus madainn an-de agus ma 's e agus gum faca iad duine a' coiseachd an sin.

Tubaist

Tha poilis a' rannsachadh mar a chaidh duine a mharbhadh an dèidh do chàr bualadh ann air rathad an A9 aig Alanais air Taobh Sear Rois goirid an dèidh seachd uairean an-raoir. Bha an rathad dùinte airson ùine.

Uisge

Chaidh iarraidh air daoine a tha a' fuireach ann an còrr 's 400 dachaidh ann Steòrnabhagh uisge na pìoba a ghoil agus dragh ann gun deach a ghannrachadh le pìob òitreachais a bha briste. Tha Uisge na h-Alba a' càradh na pìob sin agus a' glanadh siostam an uisge, ach chaidh iarraidh air daoine an t-uisge a ghoil gus an tèid dearbhadh nach eil cunnart ann do shlàinte.

Spòrs

Tha an cluicheadair aghaidh aig Ross County, Michael Gardyne, aig Tannadice an-diugh agus a h-uile coltas ann gun cuir e ainm ri cùmhnant airson gluasad gu Dundee United aig deireadh an t-seusain seo.

Agus tha a h-uile dùil gum fuirich Dean Shiels, mac mhanaidsear Cille Mharnaig, Kenny Shiels, air iasad aig Cille Mharnaig gu deireadh an t-seusain seo.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 10mh am Faoilleach 2012
10 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 09mh am Faoilleach 2012
09 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 11:00m 06mh am Faoilleach 2012
06 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 10:00m 05mh am Faoilleach 2012
05 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy