|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Pònaidh san fhàrdaich
|
||||||||||||||||||||||
Tha boireannach à Leòdhas a' cumail làir na dachaigh is i ag ràdh nach fhaigheadh i stàball air a son.
Ghluais Stephanie Noble, 65, Grey Lady Too a-steach dhan taigh aice air a' Bhac an latha ron Nollaig. Rinn i leabaidh dhan phònaidh le "cat litter", feur agus plaideachan. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu faod i na thogras i a dhèanamh na dachaigh fhèin - ach nach moladh iad do dhuine pònaidh a chumail ann an taigh. Thuirt Stephanie Noble gun cuireadh i ailbhean na dachaigh nan togradh i agus gu bheil daoine a' gearain dìreach seach gu bheil an suidheachadh aice "neo-àbhaisteach". Tha i ag ràdh gu bheil Grey Lady Too air a dòigh leis an àite-fuirich aice. Bidh i a' dol a-mach dhan ghàradh, thuirt i, ach tha i cho sona sa ghabhas am broinn an taighe. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||