BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 10 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 09:19 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Rathad an t-Sròim gu bhith dùinte "greis mhath"
 
Sula Mhòr
Thathas an dòchas gum bi an 'Sula Mhòr' a' dol eadar Stròm Carranach agus Port an t-Stròim an ath-sheachdain.
Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gum faodadh mìosan a bhith ann mus fosgail seach-rathad an t-Sròim a-rithist.

Chaidh an rathad a dhùnadh as dèidh maoim-slèibhe ron Nollaig.

Thuirt Cathraiche Comataidh Seirbheisean TEC na Comhairle, Iain Laing, gun robh maoimean-slèibhe tric air bualadh air an rathad thar iomadh bliadhna, a dh'aindeoin grunn oidhirpean gus smachd a chur air an trioblaid.

Thuirt e gu bheil an t-àm ann a-nise coimhead air a' chùis ann an doimhneachd gus fuasgladh maireannach a lorg.

Dh'innis e gum bi "greis mhath" ann gus an tèid an rathad fhosgladh.

A rèir Mhgr Laing tha a' chomhairle a' beachdachadh air drochaid, slighe an rathaid atharrachadh, air neo an tunnel a tha an-drasta a' cur dìon air pìos den rathad is an loidhne-rèile a leudachadh.

Cosgais

Se an tunnel a leudachadh an roghainn as fheàrr aig an ìre-sa thuirt e, ach chan eil cinnt ann fhathast mu dè chosgas an obair.

"Saoilidh mi gum bi cosgais mhòr na lùib - chan eil ceist ann mu dhèidhinn sin", thuirt Mgr Laing.

"Gu cinnteach tha sinn a' coimhead air grunn mhuilleanan notaichean", thuirt e.

Fhads a tha Comhairle na Gàidhealtachd ag amas air freagairt mhaireannach tha oidhirpean a' leantainn air fuasgladh eadar-amail.

'S ann air bus agus trèan a chaidh sgoilearan gu Àrd-Sgoil a' Phluic Diluain is Dimàirt.

Dhearbh a' chomhairle gun lean sin gu deireadh na seachdain.

Aiseag

Thathas an dòchas an ath-sheachdain gum bi aiseag son luchd-coiseachd a-mhàin a' ruith eadar Stròm Carranach agus Port an t-Stròim.

Tha àite son 61 neach air 'Sula Mhòr' is dùil gun tèid a cleachdach son an òigridh fhaighinn dhan sgoil.

Thathas an dòchas cuideachd aiseag Ghleann Eilge, a ghabhas sia càraichean, a chur an-sàs eadar Stròm Carranach is Port an t-Sròim.

Tha na bàtaichean mar as trice gan cur gu feum ann an seasan na tùrasachd.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air na cidhean son dèanamh cinnteach gu bheil iad fhathast freagarrach.

Sguir an t-seann aiseag anns na 1970'an.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dùil ri aiseagean aig an t-Sròm a-rithist
09 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy