BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 10 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 15:34 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Poilis a' rannsachadh bàs fireannaich an Uibhist
 
Càr Poilis
Chaidh fios a chur air na poilis gun robh corp ri taobh rathad an A865.
Tha Poilis a Chinn a Tuath air duine a fhuaireadh marbh ri taobh rathad an Uibhist a Deas ainmeachadh mar Eardsaidh Steele, 49, a Bòirnis.

Fhuair iad fios madainn Dimàirt gun robh corp ri taobh rathad an A865 san Àird Mhòir, eadar an Càrnan agus an t-Ìochdar.

Thuirt na poilis gu bheil iad a' creidsinn gun do chaochail Mgr Steele as dèidh do chàr bualadh ann.

Tha dràibhear a' chàir gan cuideachadh leis an rannsachadh aca.

Chaidh an rathad a dhùnadh Dimàirt agus slighean eile gan comharrachadh do dhràibhearan, ach dh'fhosgail e a-rithist feasgar Diciadain.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy